top of page
ro sgoile 3.png

Fàilte do làrach-lìn Chomann nam Pàrant, am buidheann nàiseanta a tha a’ toirt taic agus comhairle mu fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig do phàrantan.

Tha mu 30 buidheann Comann nam Pàrant (CnP) air feadh Alba, a’ riochdachadh phàrantan aig a bheil clann a tha a’ faighinn foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig diofar ìrean, bho chròileagan gu àrd-sgoil. ’S e prìomh amas gach buidheann "a bhith a’ cur air adhart agus a’ toirt taice do stèidheachadh is cumail suas foghlam tro mheadhan na Gàidhlig". ’S ann air sàillibh strì phàrantan a thòisich foghlam tro mheadhan na Gàidhlig (FTMG) ann an 1985.

​

Airson barrachd fiosrachaidh mu a bhith a’ cleachdadh Gàidhlig aig an taigh agus na trath-bliadhnaichean, nach bheir sibh sùil air an Làrach-lìn eile againn, Neadan.

Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig

bun sgoil 4.jpg

Ag ionnsachadh ann an Gàidhlig

’S urrainn do sgoilearan aig nach eil Gàidhlig sam bith aig toiseach gnothaich, agus a dh’fhaodadh a bhith a’ tighinn bho dhachaighean is choimhearsnachdan far nach cluinn iad facal Gàidhlig, fileantachd sa chànan.

ard sgoil glasadh 1.jpg

Taic do Phàrantan

Ann an siostam foghlam sam bith tha àite glè chudromach aig pàrantan agus tha seo dha-rìreabh fior mun a’ Ghàidhlig; is ann mar thoradh air strì phàrantan a thòisich FTMG ann an 1985.

​

Tha taic phàrantan riatanach aig gach ìre de dh’fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Cuir a' Ghàidhlig aig cridhe do dhachaigh

Ar làrach-lìn eile, làn fiosrachaidh, comhairle agus goireasan do phàrantan gus Gàidhlig a chur aig cridhe an dachaigh. Cuideachd tha ar pod-chraolaidhean ùra ri fhaighinn an seo cuideachd – nach èistibh riutha!

Aithisg Bhliadhnail

Ri leughadh a' chuairt-litir as ùire, cliog an seo

bottom of page