Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig - Dè th' ann?

'S e foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aon de na prìomh dhòighean air fileantachd sa Ghàidhlig a ruighinn agus a chumail. Tha seo gu sònraichte fìor mu chlann à teaghlaichean aig nach eil Gàidhlig. Tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig fosgailte don a h-uile duine, feadhainn aig a bheil Gàidhlig agus feadhainn aig nach eil.

'S urrainn do sgoilearan aig nach eil Gàidhlig bho thùs, gu dearbh a tha à dachaighean agus coimhearsnachdan gun Ghàidhlig, an toirt gu fileantachd sa chànan tro rud ris an canar bogadh. Le bogadh, tha na sgoilearan gan teagasg sa Ghàidhlig a-mhàin, is iad a' dèanamh na rudan àbhaisteach a bhios clann a' dèanamh aig an ìre thràth seo dem foghlam – ann an cròileagan, sgoil-àraich agus bun-sgoil. Tha an luchd-teagaisg a' gabhail gach cothrom sgilean Gàidhlig na cloinne adhartachadh – tro òrain, sgeulachdan, geamaichean agus gu h-àraid tro chluiche.

Tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a' neartachadh cànan nam fileantach agus tha e cuideachd gan toirt gu ìre nas àirde ann an sgrìobhadh agus ann an leughadh anns a' Gàidhlig.

Foghlam Ro-Sgoile

Tha foghlam ro-sgoile tro mheadhan na Gàidhlig, ann an riochd cròileagain agus sgoiltean-àraich, na chiad cheum cudromach ann am foghlam foirmeil.

Tha buidhnean Pàrant is Pàiste ann an grunn sgìrean agus mar as tric tha iad gan ruith le comataidh saor-thoileach agus tha cuid a' fastadh neach-stiùiridh.

'S e comataidh saor-thoileach a tha cuideachd a' ruith na Cròileagain agus tha a' mhòr-chuid air co-dhiù aon neach-stiùiridh fhastadh. Ann an cuid de sgìrean tha buidhnean Cròileagan gan ruith an àite sgoiltean-àraich.

'S e Comhairle nan Sgoiltean Àraich (CNSA) am buidheann nàiseanta a tha an urra ris na buidhnean ro-sgoile seo.

Tha ùghdarrasan ionadail ann an grunn sgìrean a-nis a' ruith sgoiltean-àraich, agus mar as tric tha ceangal aca ris an sgoil no sgoiltean far a bheil foghlam bun-sgoil tro mheadhan na Gàidhlig ga thabhann.

Foghlam Bun-Sgoile

Tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig sa bhun-sgoil a' cleachdadh na Gàidhlig airson an ionnsachaidh is teagaisg gu lèir, anns gach cuspair sgoile, agus modhan bogaidh gan cur gu feum ann am P1 agus P2. Mar as tric thathar a' tòiseachadh air leughadh agus sgrìobhadh sa Bheurla bho P3 ach 's i Gàidhlig fhathast prìomh chànain a' chlas tro foghlam na bun-sgoile. Tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ag amas, le stiùir nàiseanta an Riaghaltais, air clann a thoirt gu fileantachd sa Ghàidhlig agus sa Bheurla mus fàg iad a' bhun-sgoil. Anns an fharsaingeachd tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air a lìbhrigeadh ann an roinnean Gàidhlig taobh a-staigh sgoiltean Beurla ach tha sgoiltean Gàidhlig cuideachd ann an cuid de sgìrean.

Tha an àireamh de sgoilearan ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig ìre bun-sgoil air meudachadh bho 24 ann an 1985 ann an 2 sgoil gu còrr is 2,000 ann am bliadhna-sgoile 2006-07 ann an 62 sgoiltean.

Foghlam Àrd-Sgoil

Tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig san àrd-sgoil a' dèanamh cinnteach gu bheil leantalachd ann an ionnsachadh chlann a fhuair foghlam tro mheadhan na Gàidhlig sa bhun-sgoil. Tha seo a' toirt cothrom do sgoilearan a bhith nas fhileanta, agus tuigse fhaighinn air a' Ghàidhlig mar chànan beò anns am bi foghlam àrd-sgoil air a libhrigeadh.

Tha e comasach don mhòr-chuid de sgoilearan meadhan Gàidhlig cuspair Gàidhlig do dh'fhileantaich a dhèanamh anns an àrd-sgoil. Tha Ùghdarras Theisteanas na h-Alba (SQA) a-nis a' tabhann dheuchainnean tro mheadhan na Gàidhlig ann an raon de chuspairean mar matamataig, cruinn-eòlas agus eachdraidh agus tha iomadh sgoil a' tabhann teagaisg tro mheadhan na Gàidhlig anns na cuspairean seo.

Bidh Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a dh'fhosgail anns an Lùnastal 2006 a' teagasg a h-uile cuspair tro mheadhan na Gàidhlig aig ìre àrd-sgoil agus bidh buannachd ann do sgoiltean eile bho na leasachaidhean ùra sa churraicealam agus na goireasan a bhios rim faighinn.

Dè cho èifeachdach 's a tha Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig?

Dè cho èifeachdach 's a tha Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig?

Ann an aithisg a chaidh fhoillseachadh às leth Riaghaltas na h-Alba ann an 1999, chaidh na co-dhùnaidhean a leanas a dhèanamh:

cha robh clann a bha a' faighinn foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, ge bith an robh a' Ghàidhlig na cànain dachaigh no nach robh, air an cumail air ais an coimeas ri clann a bha a' faighinn oideachadh tro mheadhan na Beurla. Anns a' mhòr-chuid de shuidhichidhean bha iad a' dèanamh na b' fheàrr na clann a bha a' faighinn foghlam tro mheadhan na Beurla agus, còmhla ri sin, fileanta ann an dà chànan.

An t-Ard Oll. Ridseard MacIain
The Attainments of Pupils Receiving Gaelic-medium Primary Education in Scotland
CILT Alba, Oilthigh Shruighlea, 1999

Tha na buannachdan foghlaim an lùib dà-chànanas aithnichte. Tha luchd-foghlaim a' gabhail ris gu bheil clann a tha dà-chànanach nas sùbailte ann a bhith a' cothachadh ris a h-uile nì a thaobh obair eanchainn. Tha e cuideachd nas fhasa do chloinn dà-chànanach an tuilleadh chànanan ionnsachadh.

'S e an dearbhadh as fheàrr a tha againn air an dòigh-teagaisg seo, gu bheil e a' sìor fhàs mar a tha barrachd is barrachd phàrantan ga iarraidh. Tha na pàrantan ga iarraidh a chionn 's gu bheil a' soirbheachadh leis. Am bliadhna, tha còrr is 3000 duine-cloinne a' faighinn FTMG, 701 aig ìre fo-aois-sgoile, 2092 sa bhun-sgoil agus 293 san àrd-sgoil. Chithear air a chlàr (làrach ChnaG) mar a tha FTMG air a dhol am meud bho thòisich e ann an 1985.

A chionn 's gu bheil foghlam an cuid-chloinne cho cudromach do phàrantan, tha sinn a' tuigsinn gum bi iomadh ceist aca mun t-siostam foghlaim seo. Airson na ceistean is trice a nochdas a fhreagairt agus fiosrachadh coileanta a thoirt do phàrantan mu FTMG, tha Comunn na Gàidhlig air leabhran fiosrachaidh agus Bhidio fhoillseachadh. Airson leth-bhreacan de Fios is Freagairt, a tha saor 's an asgaidh, brùth an seo airson PDF no faic an seo air làrach ChnaG.

Tha Foghlam Coimhearsnachd ann an cuid de dh'Ughdarrasan Ionadail a' tabhairt taice do phàrantan tro chlasaichean Gàidhlig is eile. Airson tuilleadh fiorachaidh, bruidhinn ri ur Comhairle Ionadail.