Tapadh leibh airson tadhal air làrach-lìn Chomann nam Pàrant
Air an làrach seo gheibh sibh naidheachdan air obair Chomann nam Pàrant, fiosrachadh bho bhuidhnean ionadail Comann nam Pàrant agus fiosrachadh mu Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (FTMG).
Chaidh an làrach-lìn seo a stèidheachadh mar phàirt dhen taic a tha Comann nam Pàrant a tabhain do phàrantan aig a bheil clann ann am FTMG. Chaidh a chruthachadh an dèidh iarrtas bho phàrantan airson a leithid agus, mar sin, bi sinn an dòchas gun tèid feum a dhèanamh dheth.
Chan eil an làrach-lìn ach aig ìre tòiseachaidh agus, leis a-sin, ma tha beachdan sam bith agaibh ach dè na rudan eile bu chòir a bhith air an làraich no ciamar dh’fhaodadh e a bhith na b’ fheàrr, chan eil agaibh ach fios a chur chun an Oifigear Phàrant. Bidh i ro thoilichte cluinntinn bhuaibh agus èisteachd ri ur beachdan.
Tha Comann nam Pàrant (Nàiseanta) taingeal airson an taice a fhuaireadh Bòrd na Gàidhlig agus Comunn na Gàidhlig ann a bhith a’ cruthachadh an làraich.
Tha geàrr-chunntasan bho choinneamhan Chomann nam Pàrant (Nàiseanta) an seo.