Cànan - Language

Cuairt-litir

Cuairt Litir

Ar cuairt-litir as ùr 
(cruth PDF)
Geamhradh 2017-18 


  Aithisg Bhliadhnail 2016/17  

Aithisg Bhliadhnail | Annual Report 2016-17

Aithisg Bhliadhnail 2016/17 

 

 

 

 

 

 

 

 

Dhachaigh

Comann nam Pàrant aig Ìre Ionadail

Tha buidhnean CnP air am meas cudromach airson iomadach adhbhar;

  • Tha iad a’ toirt phàrantan aig am bheil clann ann am FTMG còmhla airson bruidhinn air cuspairean a tha toirt buaidh air foghlam an cuid-chloinne aig a h-uile ìre
  • ’S urrainn do CnP taic a thoirt don sgoil, ag obair ann an co-bhonn ri Comhairlean Phàrant
  • ’S urrainn do luchd-dreuchd a’ Chomataidh bruidhinn às leth nam pàrantan le ùghdarras. ’S fheàrr le Comhairlean, sgoiltean agus buidhnean eile a bhith a’ dèiligeadh ri riochdairean an àite iomadach duine fa leth
  • Le bonn-stèidh, faodaidh CnP, mar bhuidheann coimhearsnachd, airgead a thionail ann an dòigh nach urrainn an sgoil a dhèanamh
  • ’S urrainn do phàrantan le cloinn ann am FTMG an siostam foghlaim a bhrosnachadh anns an sgìre aca fhèin
  • Tha na buidhnean ag amas ri taic a thoirt do thachartasan tron Ghàidhlig taobh-muigh na sgoile, leithid obair nan Sradagan

Children's School Group

Ciamar a thèid mi an lùib Comann nam Pàrant?

Tha buidheann Comann nam Pàrant anns a’ mhòr-chuid de sgìrean far am faighear foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Tha na buidhnean fosgailte do phàrant sam bith aig am bheil clann ann an FTMG aig ìre sam bith, agus faodaidh pàrantan coinneamhan choitcheann a fhrithealadh. Ma tha thu ag iarraidh grèim fhaighinn air riochdaire CnP anns an sgìre agad fhèin, cuir fios air an Oifigear Phàrant a bheir dhut ainm agus fiosrachadh.

Ma tha sibh airson buidheann CnP a stèidheachadh anns an sgìre agaibh, tha e furasta gu leòr sin a dhèanamh. Coinnichidh an t-Oifigear Phàrant ri pàrantan san sgìre airson a dhol tro Bhonn-stèidh CnP, mìneachadh a thoirt mun obair aig CnP gu h-ionadail, agus ceistean sam bith a dh’fhaodadh èirigh a fhreagairt. Tha e an uairsin an urra ribh fhèin am bheil sibh airson buidheann a stèidheachadh. Ma tha sibh airson seo a dhèanamh san sgìre agaibh, Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn..

Foghlam tro Mheadhan na Ghàidhlig

Dè th’ ann?

’S e foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aon de na prìomh dhòighean air fileantachd sa Ghàidhlig a ruighinn agus a chumail. Tha seo gu sònraichte fìor mu chlann à teaghlaichean aig nach eil Gàidhlig. Tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig fosgailte don a h-uile duine, feadhainn aig a bheil Gàidhlig agus feadhainn aig nach eil.

’S urrainn do sgoilearan aig nach eil Gàidhlig sam bith aig toiseach gnothaich, agus a dh’fhaodadh a bhith a’ tighinn bho dhachaighean is choimhearsnachdan far nach cluinn iad facal Gàidhlig, fileantachd sa chànan a chosnadh tro dhòigh ris an canar bogadh.  Ann an tràth-ionnsachadh agus anns na ciad bhliadhnachan den bhun-sgoil, tha clann air an teagasg tro Ghàidhlig a-mhàin agus iad, aig an aon àm, a’ dèanamh na rudan àbhaisteach a bhios sgoilearan a’ dèanamh anns na tràth bhliadhnachan de dh’fhoghlam – ’s e ‘làn-bhogadh’ a chanar ris a seo.  Tha luchd-teagasg a’ dèanamh feum den h-uile cothrom a thig an rathad gus sgilean Gàidhlig gach sgoilear a ghluasad air adhart – tro òrain, sgeulachdan, geamannan agus h-àraid tro chluiche structarail.  Tha iad an uair sin a’ gluasad gu ‘bogadh’, far a bheil a’ Ghàidhlig fhathast air a faicinn mar chànan gach clas agus air a cleachadh airson a’ mhòr chuid de leasanan ach tha sgoilearan cuideachd ag ionnsachadh mar a nì iad leughadh is sgrìobhadh ann am Bheurla.

Tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a’ neartachadh cànan nam fileantach agus tha e cuideachd gan toirt gu ìre nas àirde ann an sgrìobhadh agus ann an leughadh anns a’ Gàidhlig.

Tha solar foghlam meadhan Gàidhlig air a stiùireadh le na sgrìobhainn a leanas: 

Stiùireadh Reachdail air Foghlam Gàidhlig air fhoillseachadh le Bòrd na Gàidhlig 2017

http://www.gaidhlig.scot/ga/bord/education/statutory-guidance/

Tha an stiùireadh seo, sa chiad àite, airson ùghdarrasan foghlaim agus tha e a’ togail air na cleachdaidhean agus dòighean-lìbhrigidh a tha ùghdarrasan foghlaim air a stèidheachadh thairis air deich air fhichead bliadhna. Stèidhichte air an eòlas sin, tha an Stiùireadh seo a’ mìneachadh nan diofar eileamaidean a tha an lùib foghlam na Gàidhlig ann an Alba, agus tha e a’ stèidheachadh dhòighean-obrach cunbhalach gus foghlam tron Ghàidhlig (FtG) a lìbhrigeadh, agus tha e cuideachd a’ sealltainn gu soilleir dè bu chòir do dhaoine a bhith sùileachadh bho FtG agus ciamar a bu chòir dha a bhith air a lìbhrigeadh.

Tha an Stiùireadh seo cuideachd airson phàrantan. Tha e a’ toirt dhaibh tuilleadh fiosrachaidh air mar a chuireas iad tagradh a-steach do dh’ùghdarras foghlaim ag iarraidh orra measadh a dhèanamh gus faicinn a bheil FBG a dhìth, agus air mar a tha am pròiseas ag obair. Tha e cuideachd a’ toirt dhaibh fiosrachadh air na bhios romhpa ma chuireas iad tagradh a-steach airson measadh gus faicinn a bheil FBG a dhìth.

Comhairle air Foghlam Gàidhlig air fhoillseachadh le Foghlam Alba 2015

http://www.parant.org.uk/images/publications/news/AdviceonGaelicEducation_February-2015.pdf

Tha a’ Chomhairle seo a’ tabhann fiosrachadh cudromach sa cho-theacsa nàiseanta agus a’ mìneachadh nan dòighean-obrach as fheàrr gus taic a thoirt do luchd-cleachdaidh is ùghdarrasan ionadail ann a bhith a’ measadh is a’ planadh airson leasachadh ann am Foghlam Gàidhlig.

Dè cho èifeachdach ’s a tha Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig?

Ann an aithisg a chaidh fhoillseachadh às leth Riaghaltas na h-Alba ann an 1999, chaidh na co-dhùnaidhean a leanas a dhèanamh:

“....cha robh clann a bha a’ faighinn foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, ge bith an robh a’ Ghàidhlig na cànain dachaigh no nach robh, air an cumail air ais an coimeas ri clann a bha a’ faighinn oideachadh tro mheadhan na Beurla. Anns a’ mhòr-chuid de shuidhichidhean bha iad a’ dèanamh na b’ fheàrr na clann a bha a’ faighinn foghlam tro mheadhan na Beurla agus, còmhla ri sin, fileanta ann an dà chànan.”

An t-Àrd Oll. Ridseard MacIain

Bhon uairsin sheall rannsachadh a rinn Oilthigh Dhùn Èideann ann an 2010 às leth Bòrd na Gàidhlig;

“Bidh sgoilearan ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, nach eil a’ faighinn Beurla san t-seòmar sgoile gu Prìomh 3 co-dhiù, a’ breith air agus a’ dol seachad air sgoilearan meadhain-Bheurla ann an comasan sa Bheurla. Ro ÀS2, ged nach robh ach dàrna leth nan sgoilearan meadhain-Bheurla air Ìre E, an ìre iomchaidh, a ruighinn ann an leughadh agus sgrìobhadh na Beurla, bha trì cairteal nan sgoilearan meadhain-Ghàidhlig aig an ìre seo.”

Agus

“...nach eil buaidh aig ionnsachadh tro mheadhan na Gàidhlig (mar as trice an dàrna cànan aca) air buileachadh sgoilearan meadhain-Ghàidhlig ann am pàirtean eile den churraicealam.”

’S e an dearbhadh as fheàrr a tha againn air an dòigh-teagaisg seo, gu bheil e a’ sìor fhàs mar a tha barrachd is barrachd phàrantan ga iarraidh. Tha na pàrantan ga iarraidh a chionn ’s gu bheil a’ soirbheachadh leis. Am bliadhna, tha còrr is 3500 duine-cloinne a’ faighinn FTMG, 989 aig ìre fo-aois-sgoile, 2500 sa bhun-sgoil agus 1,104 san àrd-sgoil.

A chionn ’s gu bheil foghlam an cuid-chloinne cho cudromach do phàrantan, tha sinn a’ tuigsinn gum bi iomadh ceist aca mun t-siostam foghlaim seo. Airson na ceistean is trice a nochdas a fhreagairt agus fiosrachadh coileanta a thoirt do phàrantan mu FTMG, tha Comann nam Pàrant agus Bòrd na Gàidhlig air leabhran fiosrachaidh agus Bhidio fhoillseachadh. Airson leth-bhreacan de Fios is Freagairt, a tha saor ’s an asgaidh, brùth an seo airson PDF

Fàilte do Chomann nam Pàrant

Fàilte do làrach-lìn Chomann nam Pàrant, am buidheann nàiseanta a tha a’ toirt taic agus comhairle mu fhoghlam tro mheadhain na Gàidhlig do phàrantan.

Tha mu 30 buidheann Comann nam Pàrant (CnP) air feadh Alba, a’ riochdachadh phàrantan aig a bheil clann a tha a’ faighinn foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig diofar ìrean, bho chròileagan gu àrd-sgoil. ’S e prìomh amas gach buidheann "a bhith a’ cur air adhart agus a’ toirt taice do stèidheachadh is cumail suas foghlam tro mheadhan na Gàidhlig". ’S ann air sàillibh strì phàrantan a thòisich foghlam tro mheadhan na Gàidhlig (FTMG) ann an 1985.Tha a’ mhòr-chuid de chloinn a tha ann an FTMG a’ tighinn à dachaighean far nach eil a’ Ghàidhlig ga cleachdadh.

Air an làrach againn gheibh sibh fiosrachadh mu fhoghlam tro mheadhain na Gàidhlig, bileagan comhairleachaidh agus aithisgean agus naidheachdan air obair Chomann nam Pàrant.  

Naidheachd! News!

Comann nam Pàrant (Nàiseanta)
Coinneamh Bhliadhnail 2018

Premier Inn, Ceàrnag Sheòrais, Glaschu

Disathairne 19 Cèitean aig 10.30m

Tha fàilte ga chuir air gach neach aig a bheil ùidh
ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

The United Nations Convention on the Rights of the Child

 UNICEF Logo

The United Nations Convention on the Rights of the Child (UNCRC) is an international statement of the civil, political, economic, social and cultural rights of children. It came into UK law in 1992.

https://www.unicef.org.uk/what-we-do/un-convention-child-rights/

Thig a Chluich Logo

Thig a Chluich
Òrain agus Rannan| Songs and Rhymes

Tha Thig a Chluich fìor thoilichte gu bheil clàraidhean òrain agus rannan a-nise ri fhaighinn air-loidhne. Taing mhòr do dh' Anna agus Hannah, a sheinn cho àlainn agus Keith aig Wee Studio airson an stiùiridh.

Tha sinn an dòchas gun còrd an cruinneachadh ribh agus gum bi sibh a' seinn còmhla. 'S urrainn na h-òrain a luchdadh a-nuas aig

https://www.dropbox.com/s/serd3mwbod2ek29/OrainIsRannanChloinne_MP3.zip?dl=0

Thig a chluich are delighted to have their collection of songs and rhymes available for you to download and sing along to.

Special thanks to Anna and Hannah, who sang so beautifully and Keith at Wee Studio for his expertise.

Duilleag Facebook Cuairt Litir

Tha duilleag againn air
Facebook cuideachd

Ar cuairt-litir as ùr (cruth PDF)

 


 

Comann nam Pàrant

School Children

Chaidh Comann nam Pàrant (Nàiseanta) (CnP(N)) a stèidheachadh le Comunn na Gàidhlig ann an 1994, an dèidh iarrtais bho phàrantan airson a leithid. Tha cothrom aig a h-uile sgìre aig a bheil buidhnean ionadail CnP a bhith air an riochdachadh air a’ Chomataidh Nàiseanta, a’ ciallachadh gu bheil guth nam pàrant ri chluinntinn air ìre nàiseanta. Tha Oifigear Phàrant Nàiseanta, maoinichte le Bòrd na Gàidhlig, air a fastadh le Comunn na Gàidhlig airson taic a thoirt do phàrantan agus airson FTG a bhrosnachadh. Tha CnP(N) a-nis stèidhte ann an saoghal leasachaidh na Gàidhlig agus a bharrachd air cumail taic ri buidhnean ionadail CnP ann a bhith brosnachadh FTG agus goireasan a thoirt seachad airson seo, tha sinn a’ stiùireadh ‘Sgeama Comhairleachaidh Phàrant’ a bhios a’ fastadh pàrantan le eòlas air FTG airson fios a sgaoileadh mu FTG am measg pàrantan le chlann fo aois sgoile. Tha Oifigear Phàrant CnP ag obair ann an co-bhonn le sgioba foghlaim Bòrd na Gàidhlig.

Tha a’ Chomataidh a’ coinneachadh, mar is trice, ceithir tursan sa bhliadhna. Tha Coinneamh Bhliadhnail ga cumail anns a’ Chèitean agus tha cuireadh ga thoirt do phàrant sam bith a frithealadh. Thèid fàilte a chur air riochdairean ùra. 

Tha geàrr-chunntasan bho choinneamhan Chomann nam Pàrant (Nàiseanta) an seo.

Buill Comataidh Comann nam Pàrant (Nàiseanta)

Bob McGowan [cathraiche]
Kathleen NicLeòid [iar-chathraiche]
Eilidh NicFhionghain [runaire]
Marsaili Dow [ionmhsair] 
Gill Steele 
Iona McTaggart
Claire Wilding
Kerry Jardine
Paul Smith
Becky Davidson

Facebook

 

Còraichean © 2018 Comann nam Pàrant | Gach còir glèidhte