Cànan - Language

Cuairt-litir

Cuairt Litir

Ar cuairt-litir as ùr 
(cruth PDF)
Geamhradh 2017-18 


  Aithisg Bhliadhnail 2016/17  

Aithisg Bhliadhnail | Annual Report 2016-17

Aithisg Bhliadhnail 2016/17 

 

 

 

 

 

 

 

 

Dhachaigh

Taobh muigh na sgoile

Tha barrachd cothroman ann a-nis dha daoine òga Gàidhlig a chleachdadh taobh muigh an rùm-sgoile; aig Sradagan, Fèisean agus tro iomairtean eile a bhios Comunn na Gàidhlig a’ cur air bhonn mar Duais Iain Muir agus Cuach na Cloinne. Tha sgilean Gàidhlig na cloinne, gu h-àraidh canan sòisealta, air an neartachadh agus tha barrachd teans gum bi iad deònach Gàidhlig a chleachdadh taobh muigh na sgoile ma tha iad a’ gabhail pàirt anns na tachartasan coimhearsnachd seo. 

Comunn na Gàidhlig (CnaG)

Spòrs, tachartasan, prògraman àrainneachd agus campaichean - tha tòrr ri dhèanamh tro mheadhan na Gàidhlig aig Comunn na Gàidhlig. Bidh sinn a' cur air dòigh tachartasan tron bhliadhna do dhaoine òg air feagh Alba.

www.cnag.org

Spòrs Gàidhlig 

Chaidh Spòrs a chur air dòigh le Comunn na Gàidhlig ann an 2015 le prìomh amas a bhith tabhann chur-seachadan, chothroman agus phrògraman uile tro mheadhan na Gàidhlig. 'S ann le Comunn na Gàidhlig a tha Spòrs ach tha e ag obair mar chompanaidh fa-leth.  

http://www.spors.scot/gd/

Buannachdan

Buannachdan Dà-chànanais

S e th’ann an dà-chànanas comas nithean ann am beatha làitheil a dhèanamh ann an dà chànan.

Tha dà-chànanas fada nas cumanta ann an dùthchannan eile na tha e ann am Breatainn.  Tha e air a thomhais gu bheil eadar 60% agus 65% de mhuinntir an t-saoghail aig a bheil co-dhiù dà chànan.

Tha clann air am breith leis a’ chomas a bhith dà-chànanach agus ioma-chànanach.  Tha tuilleadh ’s a’ chòrr rùm san eanchainn airson dà chànan no barrachd.

The advantages of being bilingual

Some of the potential advantages of bilingualism and bilingual education currently publicized are:

Communication Advantages

  1. Wider communication (extended family, community, international links, employment).
  2. Literacy in two languages

Cultural Advantages

  1. Broader enculturation, a deeper multiculturalism, and two ‘language worlds’ of experience
  2. Greater tolerance and less racism

Cognitive Advantages

  1. Thinking benefits (creativity, sensitivity to communication).

Character Advantages

  1. Raised self-esteem
  2. Security in identity

Curriculum Advantages

  1. Increased curriculum achievement
  2. Easier to learn a third language

Cash Advantages

  1. Economic and employment benefits

‘A Parents’ and Teachers’ Guide to Bilingualism’, Professor Colin Baker, International Expert on Bilingual Education

1 Cultural Advantages 

2 Communication & Social Advantages 

3 Congitive Advantages 

4 Character Advantages 

 

 

Tha na buannachdan foghlaim an lùib dà-chànanas aithnichte. Tha luchd-foghlaim a’ gabhail ris gu bheil clann a tha dà-chànanach nas sùbailte ann a bhith a’ cothachadh ris a h-uile nì a thaobh obair eanchainn. Tha e cuideachd nas fhasa do chloinn dà-chànanach an tuilleadh chànanan ionnsachadh.
www.bilingualism-matters.org.uk

A bheil am pàiste le dà chànan nas slaodaiche gu bruidhinn?

Chan eil aon riaghailt ann a thaobh cuin a tha pàiste mar as trice a’ tòiseachadh a’ bruidhinn, ach san àbhaist tòisichidh iad eadar ochd mìosan agus còig mìosan deug. Mar as tric, tòisichidh nigheanan a’ bruidhinn nas tràithe na gillean agus mar as trice bruidhnidh a’ chiad phàiste san teaghlach nas tràithe na an dàrna no an treas pàiste. Tha a’ mhòr-chuid (ach chan eil a h-uile duine) de chloinn le dà

chànan nas slaodaiche gu bruidhinn, agus seo a’ ciallachadh gun tòisich iad a’ bruidhinn nas anmoiche na clann le aon chànan, ged a tha tuigse mhath aca mar as tric air an dà chànan. Tha e cudromach gun tuig daoine gu bheil an dàil seo (a) cumanta, (b) na nì a bhiodh sibh a’ sùileachadh, agus (c) san àbhaist cha bu chòir dragh a bhith oirbh mu dheidhinn. Agus bu chòir cuimhneachadh gum bi duilgheadasan cainnt aig clann le dà chànan uaireannan, dìreach mar a bhios aig clann le aon chànan.

Tha cunnart ann ge-tà, ma tha pàiste slaodach gu bruidhinn, gum feuch càirdean no luchd-obrach slàinte toirt a chreidsinn air pàrantan gur e as coireach gu bheil iad a’ bruidhinn dà chànan ris / rithe agus gun toir iad comhairle, cheàrr, dhaibh gum bu chòir dhaibh Beurla a-mhàin a bhruidhinn.

A bheil am pàiste le dà chànan a cheart cho comasach san dà chànan?

Chan ann tric a tha daoine a cheart cho comasach ann am fear seach fear den dà

chànan. Mar as trice bidh greisean ann nuair a tha làmh-an-uachdair aig aon chànan no am fear eile, agus san àbhaist bidh daoine le dà chànan nas cofhurtaile a’ bruidhinn mu chuid a chuspairean ann an aon de na cànanan seach am fear eile.

Bun-sgoil

Tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig sa bhun-sgoil a’ cleachdadh na Gàidhlig airson an ionnsachaidh is teagaisg gu lèir, anns gach cuspair sgoile, agus modhan bogaidh gan cur gu feum ann am P1 agus P2. Mar as tric thathar a’ tòiseachadh air leughadh agus sgrìobhadh sa Bheurla bho P3 ach ’s i Gàidhlig fhathast prìomh chànain a’ chlas tro foghlam na bun-sgoile. Tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ag amas, le stiùir nàiseanta an Riaghaltais, air clann a thoirt gu fileantachd sa Ghàidhlig agus sa Bheurla mus fàg iad a’ bhun-sgoil. Anns an fharsaingeachd tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air a lìbhrigeadh ann an roinnean Gàidhlig taobh a-staigh sgoiltean Beurla ach tha sgoiltean Gàidhlig cuideachd ann an cuid de sgìrean.

Tha an àireamh de sgoilearan ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig ìre bun-sgoil air meudachadh bho 24 ann an 1985 ann an 2 sgoil gu còrr is 3,000 ann am bliadhna sgoile 2016-17 ann an 57 sgoiltean.A bheil foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a’ cur bacadh air ìre leasachaidh chloinne?

Chan eil. Tha rannsachadh a’ sealltainn gu bheil clann ann am foghlam dà-chànanach a’ dèanamh a cheart cho math ri clann eile anns gach cuspair, a’ gabhail a-steach Beurla.

Ciamar is urrainn dhomh taic a thoirt do dh’fhoghlam mo phàiste nuair nach eil Gàidhlig agam fhèin?

Thoir taic dha do phàiste le ùidh a thogail san fhoghlam aca agus ann an nas urrainn dhut de ghnothaichean Gàidhlig – telebhisean, rèidio, gnìomhachd as dèidh na sgoile agus tachartasan sòisealta.  Tha mòran chothroman ann airson pàrantan beagan den Ghàidhlig ionnsachadh, tric ann an clasaichean gu sònraichte airson pàrantan.

Is toigh leam a bhith a’ leughadh ri mo phàiste aig an taigh.  Ciamar is urrainn do phàrantan seo a dhèanamh mur eil iad fileanta sa Ghàidhlig?

Is urrainn dhut iasad de leabhraichean Gàidhlig air teip iarraidh bhon sgoil a b’ urrainn dhut a chleachdadh còmhla ri do phàiste agus tha feadhainn de leabhraichean ann far is urrainn dhut èisteachd air an eadar-lìon, mar eisimpleir air làrach-lìn phàrantan www.gaelic4parents.com. Chan eil adhbhar sam bith carson nach leugh thu dhaibh sa Bheurla cuideachd.

Dè am buaidh a bhios aig foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air Beurla mo phàiste?

Nuair a tha iad a’ tòiseachadh san sgoil tha clann ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air an teagasg dìreach sa Ghàidhlig agus tha leughadh agus sgrìobhadh Beurla air an toirt a-steach san fharsaingeachd bho P3.  Gheibh clann air na sgilean a tha aca ann an aon chànan a chleachdadh sa chànan eile agus le sin thig iad air adhart gu luath  nuair a thòisicheas iad air Beurla a leughadh. Dhearbh rannsachadh a rinn Oilthigh Sruighlea ann an 1999 ‘gun d’ rinn sgoilearan air P7 ann an foghlam tro mheadhan na Gàidhlig nas fheàrr ann am Beurla na sgoilearan ann an foghlam Beurla.’

Tha mo phàiste fileanta sa Ghàidhlig.  Carson bu chòir dhomh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a thaghadh?

Tha FTMG a’ daingneachadh cànan nam fileantach agus gam brosnachadh gus leantainn orra Gàidhlig a’ cleachdadh anns a h-uile suidheachadh.  Tha e cuideachd a’ toirt cothrom dhaibh a bhith dha rìreabh litearra sa chànan. 

An urrainn do chlann a tha feumach air tuilleadh taic no le feumalachdan sònraichte foghlam tro mheadhan na Gàidhlig fhaighinn?

Is urrainn agus tha iad.  Tha poileasaidhean in-ghabhail fior mhath aig mòran ùghdarrasan ionadail a tha a’ bualadh san aon dòigh air foghlam Gàidhlig agus Beurla.  Bu chòir dhut comhairle fhaighinn bho roinn an fhoghlaim mu feumalachdan ionnsachaidh do phàiste agus dè is urrainn foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a tairgse dhut.

 

Ma bhios aig mo phàiste ri siubhal a dhèanamh gun goireas foghlam tro mheadhan na Gàidhlig as fhaisge, am bi còmhdhail ann?

Tha ùghdarrasan foghlam tric a’ toirt foghlam tro mheadhan na Gàidhlig seachad aig ìre sgìreil agus le sin tha goireasan còmhdhail aca airson clann a bhitheas a’ siubhal seachad air an sgoil ionadail.  Cuiribh fios don ùghdarras ionadail agad fhèin airson tuilleadh fiosrachaidh air goireasan còmhdhail.

Àrd-sgoil

Tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig san àrd-sgoil a’ dèanamh cinnteach gu bheil leantalachd ann an ionnsachadh chlann a fhuair foghlam tro mheadhan na Gàidhlig sa bhun-sgoil. Tha seo a’ toirt cothrom do sgoilearan a bhith nas fhileanta, agus tuigse fhaighinn air a’ Ghàidhlig mar chànan beò anns am bi foghlam àrd-sgoil air a libhrigeadh.

Tha e comasach don mhòr-chuid de sgoilearan meadhan Gàidhlig cuspair Gàidhlig do dh’fhileantaich a dhèanamh anns an àrd-sgoil. Tha Ùghdarras Theisteanas na h-Alba (SQA) a-nis a’ tabhann dheuchainnean tro mheadhan na Gàidhlig ann an raon de chuspairean mar matamataig, cruinn-eòlas agus eachdraidh agus tha iomadh sgoil a’ tabhann teagaisg tro mheadhan na Gàidhlig anns na cuspairean seo.

Bidh Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a dh’fhosgail anns an Lùnastal 2006 a’ teagasg a h-uile cuspair tro mheadhan na Gàidhlig aig ìre àrd-sgoil agus bidh buannachd ann do sgoiltean eile bho na leasachaidhean ùra sa churraicealam agus na goireasan a bhios rim faighinn.

Nach biodh e na b’ fheàrr do chlann cànan nas ‘fheumail’ mar Fraingis no Gearmailtis ionnsachadh?

Ann an Alba, le fàs nan gnìomhachasan cultarail, tha a’ Ghàidhlig a cheart cho feumail airson cosnadh fhaighinn ’s a tha Fraingis agus Gearmailtis agus tha e a’ toirt ceangal ri cothroman cosnaidhean tlachdmhor. Meudaichidh na cothroman seo le na dleastanasan air buidhnean poblach agus eile fo Achd na Gàidhlig.  Bu chòir fios a bhith aig pàrantan gun urrainn sgoilearan cànan Eòrpach a dhèanamh cuide ris a’ Ghàidhlig aig ìre àrd-sgoil.

Ro-sgoil

Tha foghlam ro-sgoile tro mheadhan na Gàidhlig, ann an riochd cròileagain agus sgoiltean-àraich, na chiad cheum cudromach ann am foghlam foirmeil.

Tha buidhnean Pàrant is Pàiste ann an grunn sgìrean agus mar as tric tha iad gan ruith le comataidh saor-thoileach agus tha cuid a’ fastadh neach-stiùiridh.

’S e comataidh saor-thoileach a tha cuideachd a’ ruith na Cròileagain agus tha a’ mhòr-chuid air co-dhiù aon neach-stiùiridh fhastadh. Ann an cuid de sgìrean tha buidhnean Cròileagan gan ruith an àite sgoiltean-àraich.

’S e Bòrd na Gàidhlig am buidheann nàiseanta a tha an urra ris na buidhnean saor-thoileach ro-sgoile seo.

Tha ùghdarrasan ionadail anns a’ mhòr-chuid de sgìrean a-nis a’ ruith sgoiltean-àraich, agus mar as tric tha ceangal aca ris an sgoil no sgoiltean far a bheil foghlam bun-sgoil tro mheadhan na Gàidhlig ga thabhann.

Am biodh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig freagarrach dha mo chuid chloinne mur a bheil Gàidhlig againn fhèin?

Bhiodh. Tha cuid as motha de chlann ann am foghlam Gàidhlig a’ tighinn à dachaighean far nach eil a’ Ghàidhlig ga bruidhinn. Tha cuideachadh ri fhaighinn agus tha cothroman ann do phàrantan Gàidhlig ionnsachadh.

 

Am feum mo phàiste a dhol gu buidheann ro-sgoile Gàidhlig mus tòisich iad ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig?

Chan eil seo deatamach ach tha e air a mholadh nuair a tha e comasach a dhèanamh agus tha ceangal aig a’ mhòr-chuid de bhun-sgoiltean Gàidhlig ri sgoil-àraich a-nis.

Facebook

 

Còraichean © 2018 Comann nam Pàrant | Gach còir glèidhte