Cànan - Language

Cuairt-litir

Cuairt Litir

Ar cuairt-litir as ùr 
(cruth PDF)
Samhradh 2017 


  Aithisg Bhliadhnail 2016/17  

Aithisg Bhliadhnail | Annual Report 2016-17

Aithisg Bhliadhnail 2016/17 

 

 

 

 

 

 

 

 

Dhachaigh

Gàidhlig san dachaigh

Faodaidh mar a thathar a’ cleachdadh Gàidhlig san dachaigh buaidh mhòr a thoirt air a’ bheachd a bhios aig pàiste air a’ chànan, agus air cho comasach agus a bhios e no i air buannachd cheart fhaighinn à foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. ’S ann cudromach a tha e gun cluinn a’ chlann Gàidhlig taobh a-muigh na sgoile, agus nach eil iad a’ smaoineachadh gur i a’ Ghàidhlig cànan an rùm-sgoile a-mhàin.

Tha cha mhòr gach duine a-nis a’ tuigsinn mar a dh’fheumas Gàidhlig a-rithist a bhith na ‘cànan màtharail’ agus air a bruidhinn aig teaghlaichean ma tha piseach a’ dol a thighinn air cor na Gàidhlig. Tha gach pàrant a tha a’ cleachdadh Gàidhlig san dachaigh airidh air piobrachadh is taic.

a’ cruthachadh saoghal Gàidhlig 

Ged nach bi e comasach don a h-uile teaghlach an cuid chloinne a thogail le Gàidhlig a-mhàin, faodaidh teaghlach sam bith spèis don chànan fhighe a-steach do bheatha an teaghlaich agus, gu ìre bhig no mhòir, saoghal Gàidhlig a chruthachadh nan dachaigh.

Leigibh le cloinn na ghabhas de Ghàidhlig a chluinntinn le bhith:

  • a’ dèanamh feum de phrògraman Gàidhlig air an telebhisean is rèidio
  • ag èisteachd ri ceòl Gàidhlig
  • a’ coimhead air làraich-lìn Ghàidhlig
  • a’ piobrachadh chàirdean is charaidean le Gàidhlig an cànan a bhruidhinn nur dachaigh

Dèanaibh Gàidhlig follaiseach nur dachaigh le bhith:

  • a’ cleachdadh leabhraichean Gàidhlig
  • a’ sealltainn phostairean is shoidhnichean Gàidhlig

Às bith dè cho math ’s a tha ur cuid Gàidhlig, cleachdaibh an cànan cho tric ’s as urrainn dhuibh le ur cloinn aig an aois as tràithe a ghabhas. Aon uair ’s gu bheil sibh eòlach air a bhith bruidhinn aon chànan sònraichte, tha e doirbh a dhol air ais air sin. Mar sin, tha e nas fhasa fàs eòlach air a bhith bruidhinn Gàidhlig mar theaghlach ma bhruidhneas sibh Gàidhlig ris a’ chloinn bhon toiseach

Carson a bu chòir dhuinn bodraigeadh le Gàidhlig san dachaigh ma tha iad ga fhaighinn san sgoil?

S e  àite fior chudromach a tha anns an dachaigh ann am foghlam a h-uile pàiste, a’ daingneachadh obair a tha air a dhèanamh sa sgoil.  Tha cothrom aig clann sgilean cànain luachmhor fhaighinn bho cleachdadh na Gàidhlig san dachaigh nach eil nam pàirt de dh’fhoghlam foirmeil.

A bheil diofar ann eadar mar a thathar a’ cleachdadh cànan ris a’ chiad phàiste agus ris a’ chòrr den chloinn san teaghlach?

Mun àm a thig an dàrna pàiste, mar as àbhaist tha mar a tha an teaghlach a’ cleachdadh chànanan stèidhichte, agus ma tha am pàiste as sine eòlach air a bhith bruidhinn Gàidhlig ri a phàrantan, tha a h-uile teans ann gur e sin a nì an còrr den teaghlach. Tha bràithrean is peathraichean nas sine a’ toirt a cheart uiread de bhuaidh air dè an cànan a chleachdas an dàrna pàiste agus a tha a phàrantan, ma tha am pàiste as sine eòlach air a bhith bruidhinn Beurla ris na caraidean aige, tha a h-uile teansa gum bi e ag iarraidh Beurla a bhruidhinn ri a bhràithrean is a pheathraichean nas òige. Mar sin, tha e deatamach gum piobraich pàrantan a’ chlann eile Gàidhlig a bhruidhinn ris a leanabh ùr nuair a thig e.

Buidhnean Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig -

Gus dèanamh cinnteach gum bi seasmhachd aig cànan is cultur na Gàidhlig ann an Alba anns an àm ri teachd.

http://www.gaidhlig.org.uk/

 

Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig -.

Tha iad an sàs anns am foillseachadh agus an sgaoileadh de ghoireasan teagaisg do dh' fhoghlam Gàidhlig a cho-òrdanachadh.

http://www.storlann.co.uk/index.html

 

MG Alba -

Is e dleastanas MG ALBA (ainm gnìomha Sheirbheis nam Meadhanan Gàidhlig) fo Achd Chonaltraidh 2003 dèanamh cinnteach gu bheil deagh phrògraman Gàidhlig rim faotainn airson dhaoine ann an Alba.

http://www.mgalba.com/index.html

 

Comunn na Gàidhlig -

"Bho ìre eadar-nàiseanta gu ìre choimhearsnachd, tha CnaG a' neartachadh na Gàidhlig anns gach àite."

Tha iad a' dèanamh seo le  sgeamaichean diofraichte(Sgeama Ceumnachaidh, Sgeama nan Oileannaich etc), campaichean òigridh, tachartasan etc.

http://www.cnag.org.uk/

 

Clì Gàidhlig -

'Se an amas aig CLI gus taic a toirt gu luchd-ionnsachaidh inbhe na Gàidhlig airson fileantas labhairt a ruighinn 's a chànan.  Airson an amas seo a toirt gu buil, bidh iad an sàs ann am foillseachadh stuthan ionnsachaidh ùr, a treanadh luchd-teagaisg agus ag obair mar seirbheis-fiosrachaidh airson a' phoblach airson aire agus iarrtas a' chànan ag adhartachadh.

http://www.cli.org.uk

 

An Comunn Gàidhealach -

"A bhith a' brosnachadh cànain, cultair, eachdraidh is dualchas nan Gàidheal aig ìrean ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta" - 'se Am Mòd Nàiseanta Rìoghail agus na Mòdan Ionadail na phrìomh phroiseactan aca.

http://www.acgmod.org

 

Comann nam Pàrant – 

Tha Comann nam Pàrant a’riochdachadh phàrantan aig a bheil clan a tha a’ faighinn foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig diofar ìrean, bho croileagan gu àrd-sgoil.

http://www.parant.org.uk

 

Fèisean nan Gàidheal –

‘S e buidheann le ballrachd a th’ann a tha a’ tairgse iomadh seirbheis dhan ballrachd a’ gabhail a-steach taic le tabhartasan, trèanadh, àrachas agus iasadan ionnstramaidean.

http://www.feisean.org

Chan eil Gàidhlig agaibh

Chan eil e gu diofar dè cho comasach ’s a tha sibh air Gàidhlig a bhruidhinn, ’s e an rud as motha as urrainn dhuibh a dhèanamh spèis is taic a shealltainn dhaibh nuair a tha iad a’ cleachdadh a’ chànain. A thuilleadh air a bhith leantainn na comhairle bho na earrainnean ron seo, mu bhith cruthachadh saoghal Gàidhlig nur dachaigh, ’s dòcha gum bi sibh cuideachd ag iarraidh ur clann a mhisneachadh le bhith ag ionnsachadh nas urrainn dhuibh de Ghàidhlig agus a’ Ghàidhlig sin a chumail riutha. Fiù ’s ged nach eil sibh cho fileanta ri ur cuid chloinne, nì e feum dhaibh ma tha sibh ag èisteachd riutha nuair a tha iad a’ leughadh agus ma tha ùidh agaibh san obair-sgoile aca.

’S e luchd-ionnsachaidh a th’ annam fhìn agus mo chompanach. Bu toigh leinn gur i Gàidhlig cànan na dachaigh, ach tha e na adhbhar dragh dhuinn nach biodh sin nàdarra seach nach i Gàidhlig a’ chiad chànan againn agus nach eil daoine le Gàidhlig a’ fuireach faisg oirnn.

Tha fianais a’ sealltainn gun tèid aig pàrantan a dh’ionnsaich cànan eile teaghlach a thogail tro mheadhan a’ chànain sin. Ma bhruidhneas pàrantan Gàidhlig ris a’ chloinn bho thoiseach chùisean, cha bhi iad a’ faireachdainn, às dèidh greis, gu bheil dad às an àbhaist mu dheidhinn. Bidh cuid a phàrantan a dh’ionnsaich Gàidhlig a’ faireachdainn gu bheil e doirbh gràdh a nochdadh don leanabh ùr sa chànan; tha e na chuideachadh mas urrainn dhaibh eòlas a chur air pàrantan eile aig a bheil clann le Gàidhlig. Tha liostaichean de dh’fhaclan is abairtean feumail cuideachd rim faotainn.

Barrachd Gàidhlig san dachaigh

Airson caochladh adhbharan cha bhi cuid a phàrantan a’ cleachdadh Gàidhlig mar chànan na dachaigh gus am bi aon den chloinn aig aois airson a dhol don sgoil-àraich no fiù ’s aig aois sgoile. Gu tric, bidh pàrantan air am pàiste a chur gu foghlam Gàidhlig agus bidh iad a’ faicinn mar a tha am pàiste a’ togail Gàidhlig gun dragh sam bith, agus ’s dòcha gum bi iad air am misneachadh gus an dachaigh aca a dhèanamh na dachaigh Ghàidhlig.

Mas e ’s gun deach an dàimh cànain eadar pàrant is pàiste a stèidheachadh ann am Beurla, faodaidh e a bhith doirbh seo atharrachadh, agus ged nach urrainn dhuibh sgur a bhruidhinn Beurla ri ur clann san spot, faodaidh sibh an uiread de Ghàidhlig a tha sibh a’ bruidhinn a leudachadh, a nì feum mòr do ur pàiste. Faodaidh an teaghlach cur romhpa oidhirp a dhèanamh Gàidhlig a bhruidhinn aig amannan sònraichte, mar eisimpleir, aig àm bìdh no àm cadail. Dh’fhaodadh fàs tighinn air sin, beag air bheag, agus na pàrantan a’ fàs nas misneachaile.

Às bith dè thèid aontachadh, tha e cudromach gu bheil an dithis phàrant air a chùlaibh. Bhiodh e glic cuideachd bruidhinn ris a’ chloinn mu dheidhinn ma tha iad sean gu leòr gus tuigsinn. An uair sin feumaidh an teaghlach coimhead air mar shlighe a leanas iad ceum air cheum agus bu chòir dhaibh targaidean aontachadh a tha iad a’ smaoineachadh as urrainn dhaibh a choileanadh.

Tha mo phàiste a’ diùltadh a cuid Gàidhlig a chleachdadh. Nuair a bhruidhnear rithe an Gàidhlig tha i a’ freagairt am Beurla. Ciamar bu chòir dhuinn dèiligeadh ri seo?

Fiù ’s ann an dachaighean Gàidhlig, bidh pàiste ann a chumas oirre a’ bruidhinn Beurla. ’S dòcha nach mair seo fada agus ’s dòcha gun tèid aig na pàrantan air a tarraing air ais gu bhith bruidhinn Gàidhlig, ach tha eisimpleirean ann nuair a tha an diùltadh seo a’ leantainn ùine mhòr. Feumaidh dèiligeadh ris a’ chùis le co-fhaireachadh. Chan eil feum idir ann a bhith a’ feuchainn ri Gàidhlig a sparradh air an leithid a chloinn: fàsaidh iad nas daingne nam beachd, ach ’s e as glice beagan piobrachaidh agus iarraidh orra an aon rud a ràdh ann an Gàidhlig agus a thuirt iad ann am Beurla. Bidh adhbhar ann airson iad a bhith ag iarraidh cumail orra bruidhinn Beurla; ’s dòcha nach bi fhios aig a’ phàiste fhèin carson. Am measg nan adhbharan a dh’fhaodadh a bhith ann: tha i a’ sealltainn cho neo-eisimeileach ’s a tha i agus i air a bhith fo sgàile bràthar no piuthar nas sine; a’ dol an aghaidh an t-sruth seach gu robhar a’ ceartachadh a Gàidhlig ro thric; tha Gàidhlig co-cheangailte ri càineadh agus tha Beurla co-cheangailte ri spòrs; air a nàrachadh nuair a bhite a’ bruidhinn rithe an Gàidhlig agus i còmhla ri caraidean Beurla.

Tha e furasta do phàrantan gèilleadh agus tionndadh gu Beurla, ach bu chòir dhuibh feuchainn nach tachair seo. Bu chòir dhuibh cumail oirbh a’ bruidhinn Gàidhlig agus fiù ’s ged a bhios ur pàiste gur freagairt ann am Beurla, fàsaidh an tuigse a th’ aige/aice air a’ Ghàidhlig fad an t-siubhail.

Tha mo phàiste a’ bruidhinn measgachadh de Ghàidhlig is Beurla. Dè bu chòir dhomh a dhèanamh mu dheidhinn?

Tha clann a tha a’ cluinntinn barrachd is aon chànan uaireannan a’ toirt ùine mus ionnsaich iad dè an diofar eatarra, agus san ùine eadar-amail seo chan e rud neo-àbhaisteach a th’ ann ma chluinnear cànanan air am measgachadh san aon seantans. Is beag buannachd a thig à càineadh no ceartachadh aig an ìre seo, agus ma tha cus ceartachaidh ann ’s dòcha gur ann a chuireas e bacadh air mar a tha cànan na cloinne a’ fàs agus ’s dòcha nach bi iad ro dheònach còmhradh a dhèanamh. Cuimhnichibh air na faclan is abairtean Beurla a tha iad buailteach a ràdh, agus cleachdaibh a’ Ghàidhlig air an son nur cainnt fhèin agus dèanaibh cinnteach nach cleachd sibh measgachadh de Ghàidhlig is Beurla.

Gàidhlig aig aon phàrant

’S ann cudromach a tha e gu bheil an dithis phàrant taiceil don phàiste a bhith cleachdadh Gàidhlig, agus ’s e as fheàrr buileach ma bhruidhneas am pàrant le Gàidhlig Gàidhlig a-mhàin ris a’ phàiste, agus ma chuireas iad seachad na ghabhas de thìde còmhla riutha. Faodaidh am pàrant gun Ghàidhlig an taic a nochdadh le bhith a’ cur spèis ann an cleachdadh na Gàidhlig san dachaigh, le bhith coimhead air prògraman Gàidhlig air an telebhisean agus le bhith ag èisteachd ri Gàidhlig air an rèidio. Ma ghabhas e a dhèanamh, faodaidh am pàrant gun Ghàidhlig tòiseachadh air Gàidhlig ionnsachadh agus mean air mhean faodaidh iad barrachd is barrachd Gàidhlig a chleachdadh còmhla ri am pàiste agus an companach. Aon dòigh mhath, ’s e greisean Gàidhlig a chur air dòigh nuair a bhios a’ chlann còmhla ris an dithis phàrant. Dh’fhaodadh sibh an t-àm Gàidhlig seo a leudachadh mean air mhean.

Tha Gàidhlig agam agus nuair a bhios clann againn bu toigh leam Gàidhlig a bhruidhinn riutha. Ge-tà, ’s e glè bheag de Ghàidhlig a th’ aig mo chompanach agus tha e a’ smaoineachadh gum bi e air a dhùnadh a-mach ma tha mise a’ bruidhinn cànan ris a’ chloinn nach eil esan a’ tuigsinn.

Tha e deatamach gum bruidhinn sibh fhèin agus ur companach gu fosgailte agus gu fosgarra mu dheidhinn seo, agus faodaidh sibh fiù ’s na buannachdan is mì-chothroman a sgrìobhadh a-mach a thigeadh an lùib a bhith togail ur cuid chloinne le barrachd is aon chànan. Feuch ri smaoineachadh air dè tha a chum maith na cloinne, agus ’s dòcha gun cuir ur companach a chuid dhraghan gu aon taobh air sgàth buannachd an dà chànain don chloinn. Thoiribh stuthan foillsichte do ur companach a bheir fiosrachadh dha air na buannachdan a tha an lùib dà-chànanachas. ’S dòcha gum bi ur companach ag iarraidh beagan Gàidhlig ionnsachadh, a bhiodh a’ ciallachadh gun tuigeadh e feadhainn, fiù ’s, de na còmhraidhean a bhios agaibh le ur clann. 

Feumaidh mi mo chuid chloinne fhàgail le neach-cùraim cloinne aig nach eil Gàidhlig nuair a thilleas mi a dh’obair. Am bi e doirbh don chloinn diofar a dhèanamh eadar Gàidhlig is Beurla?

Bidh tòrr phàrantan, a tha ag obair, san t-suidheachadh far am feum iad an cuid chloinne fhàgail fo chùram chuideigin aig nach eil Gàidhlig. Ma tha sibh cunbhalach ann a bhith bruidhinn Gàidhlig ri ur clann, cha bu chòir gum bi duilgheadas sam bith aca diofar a dhèanamh eadar Gàidhlig is Beurla. Ge-tà, ma tha clann fo chùram chuideigin le Beurla ochd uairean a thìde san latha, tha teansa mhath ann gum bi a’ Bheurla aca nas fheàrr na a’ Ghàidhlig aca agus ’s dòcha gum bi iad ag iarraidh Beurla a bhruidhinn ri am pàrantan. Tha e deatamach gun cùm sibh oirbh a’ bruidhinn Gàidhlig riutha agus gum piobraich sibh iad a bhith gur freagairt ann an Gàidhlig, ach dèanaibh cinnteach gur e gnothach toil-inntinneach a bhios ann dhaibh.

Facebook

 

Còraichean © 2018 Comann nam Pàrant | Gach còir glèidhte