Cànan - Language

Cuairt-litir

Cuairt Litir

Ar cuairt-litir as ùr 
(cruth PDF)
Geamhradh 2017-18 


  Aithisg Bhliadhnail 2017/18  

Aithisg Bhliadhnail | Annual Report 2017-18

Aithisg Bhliadhnail 2017/18 

 

 

 

 

 

 

 

 

Dhachaigh

Rannsachadh ùr ga fhoillseachadh a’ comharrachadh 25 bliadhna de dh’fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig

17/11/10

Thèid toraidhean aithisg sgrùdaidh farsaing air roghainn agus ruigsinneachd ann am Foghlam tron Gàidhlig (FtG) fhoillseachadh aig co-labhairt ann an Dùn Èideann Diciadain (17mh), nuair a thèid an t-slighe air adhart do dh’fhoghlam Gàidhlig a chur fon phrosbaig.

Tha geàrr iomaradh den aithisg an seo agus an aithisg fhèin an seo, an dà chuid ann an cruth PDF.

Tha a’ cho-labhairt ga cur air dòigh an dèidh 25 bliadhna de dh’fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig le Iris Taigh an Ròid, agus am measg na bhios an làthair le òraidean bidh Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlam agus Ionnsachadh fad-Beatha, Mìcheal Ruiseal, a lìbhrigeas a’ phrìomh òraid.

Thuirt am Ministear:

“Tha a’ Ghàidhlig na pàirt chudromach de chultar agus dualchas na h-Alba. Sin as adhbhar gu bheil an Riaghaltas seo gu buileach taiceil do na h-oidhirpean gus àireamhan an luchd-cleachdaidh fhàs, agus a’ dèanamh nas urrainn dhuinn airson ginealach ùr a chruthachadh.

“Tha pàirt deatamach aig foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an leasachadh a’ chànain agus tha e na thoileachas dhomh gun do dhearbh an rannsachadh seo gu bheil clann a tha a’ dol tro fhoghlam na Gàidhlig a’ dèanamh a’ cheart cho math, no nas fheàrr na an comhaoisean.

“Tha mi air tadhal air sgoiltean Gàidhlig agus aonadan air feadh Alba agus air dearbhadh dhomh fhìn cho sònraichte ’s a tha àrainneachd an ionnsachaidh. Bidh an Curraicealaim airson Sàr-Mhathais na bhuannachd do sgoiltean Gàidhlig, agus do sgoiltean eile na dùthcha le bhith a’ beothachadh an fhoghlaim agus ga thoirt air adhart leis a’ chloinn fhèin.

“Tha mi air mo mhisneachadh leis an fhàs ann am foghlam Gàidhlig anns na bliadhnaichean a th’ air a dhol seachad agus tha mi an dòchas gur e slighe a tha sin a mhaireas – gu dearbh, bu chòir gun toireadh an aithisg seo fois-inntinn do phàrantan nach eil ann ach buannachd dhaibh a bhith a’ roghnachadh leithid de chlàr foghlaim dhan cuid chloinne.”

Bidh a’ cho-labhairt a’ cluinntinn mu lèirsinn Riaghaltas na h-Alba agus Bhòrd na Gàidhlig a thaobh foghlam tron Ghàidhlig; a’ conaltradh agus a‘ deasbad mu rannsachadh ùr a thaobh ruigsinneachd, roghainn agus leantalachd ann am foghlam tron Ghàidhlig; ag ionnsachadh mu na leasachaidhean as ùire ann am maoineachadh, solar agus liubhairt; a’ comharrachadh nan ceumannan a dh’fheumar gus crìonadh sa Ghàidhlig a thilleadh.

Thèid toraidhean an rannsachaidh, a chaidh a dhèanamh le Wilson MacLeòid, Fiona O‘ Hanlon agus Lindsay Paterson bho Oilthigh Dhùn Èideann fhoillseachadh agus a dheasbad aig a’ cho-labhairt. Bhathas a‘ coimhead air na bh’ air cùl mar a bha pàrantan a‘ taghadh an cuid chloinne a chur gu foghlam Beurla no Gàidhlig, agus buaidh FtG air coileanadh chloinne.

Airson roghainnean a rannsachadh, chaidh ochd bun-sgoiltean is àrd-sgoiltean ceangailte a thaghadh, a‘ riochdachadh gach co-theacs foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air feadh na h-Alba. Chaidh agallamhan a chumail le ceannardan, oifigearan comhairleachaidh chomhairlean (22 uile gu lèir) agus 55 pàrant chloinne aig ìre bun-sgoil 7 no Àrd-sgoil 2 tro mheadhan na Gàidhlig, agus 30 pàrant le clann aig ìre bun-sgoil 7 no Àrd-sgoil 2 tron Bheurla.

Chaidh ìrean ruigsinneachd chloinne a mheasadh air dà rannsachadh a chaidh a dhèanamh le luchd staitistig Riaghaltas na h-Alba airson 2007: Sgrùdadh Ruigsinneachd na h-Alba agus Sgrùdadh Foghlam na Gàidhlig, a thug a-steach 300 duine cloinne ann am foghlam Gàidhlig agus còrr is 15,000 duine cloinne ann am foghlam àbhaisteach tron Bheurla. Leig seo leis an luchd-rannsachaidh ruigsinneachd chloinne ann am foghlam Gàidhlig a cho-mheasadh ri ruigsinneachd trì buidhnean ann am foghlam àbhaisteach tron Bheurla – gu nàiseanta, anns na h-aon sgoiltean ri clann a’ dol tro FtG agus buidheann eile a chaidh a chothromachadh le buidheann chloinne ann am FtG a thaobh gnè, inbhe eaconamach agus sgìre ùghdarrais ionadail.

Tha an aithisg a’ nochdadh gu bheil sgoilearan ann am FtG a' dèanamh nas fheàrr na an comhaoisean ann am foghlam Beurla ann an leithid leughadh tron Bheurla agus co-dhiù a‘ cheart cho math ann an leithid saidheans, matamataig agus sgrìobhadh ann am Beurla. Leis an sin, tha iad ag ionnsachadh cànan a bharrachd gun a bhith air an cumail air ais ann an raointean eile den cuid foghlaim.

Tha an rannsachadh cuideachd a’ sealltainn gum bi daoine a’ roghnachadh FtG don cuid chloinne gus cothrom fhaotainn air dà-chànanas airson buannachdan ionnsachaidh is sgilean ùra cànain, agus cuideachd air sgàth luach cultarach a’ chànain mar phàirt de an dualchas teaghlaich, an dualchas coimhearsnachd, no de an dualchas nàiseanta.

Thuirt Art MacCarmaig, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig:

“Tha an rannsachadh seo a’ dearbhadh às ùr gu bheil foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a’ soirbheachadh dhan chloinn agus a chum math na Gàidhlig anns an fharsaingeachd. Tha clann le Gàidhlig aig a‘ char as lugha cho ruigsinneach ri an comhaoisean tro fhoghlam na Beurla anns a’ mhòr-chuid de shuidheachaidhean. Tha cothroman nas fheàrr aig clann a tha gan oideachadh anns a’ Ghàidhlig seach gu bheil iad ag ionnsachadh ann an dà chànan; tha ìre ruigsinneachd air leth aca agus tha iad fosgailte is deiseil airson a dhol an sàs ann am farsaingeachd cultar na h-Alba.

“Ann an seagh nas fharsainge, nam bheachd fhìn tha foghlam tron Ghàidhlig a’ tairgsinn samhla gun choimeas air an Curraicealam airson Sàr-Mhathais a lìbhrigeadh, agus foghlam Gàidhlig a’ snìomh teagasg foirmeil anns an sgoil ri àrainneachd is beatha chloinne san t-saoghal mhòr. Bidh seo a’ tachairt le muinntir na coimhearsnachd aig a bheil Gàidhlig a’ cuideachadh ann an sgoiltean, agus luchd-malairt le Gàidhlig a’ cuideachadh ann an raointean eaconamach. Bidh a’ chlann-sgoile fhèin cuideachd an sàs ann an gnothaichean cultarail gu cunbhalach, a bharrachd air a bhith an sàs ann an spòrs tro mheadhan na Gàidhlig.”

Tha amasan dòchasach aig Bòrd na Gàidhlig fàs de 15% a bhuinnig ann an àireamhan de sgoilearan a’ tòiseachadh air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Bidh seo am feum taic gu math làidir anns na tràth bhliadhnaichean. Bidh feum air co-bhanntachdan gu math làidir le ùghdarrasan ionadail a thaobh a bhith a’ lìbhrigeadh seirbheisean foghlaim. Agus feumaidh sinn pàrantan a bhrosnachadh agus a mhisneachadh chun a’ bharail gu bheil foghlam Gàidhlig math dhan cuid chloinne, agus gu bheil taic ann dhaibh. Tha barrachd innleachdan againn a-nis a bu chòir a bhith nan cobhair is nam faothachadh do phàrantan ma tha iomnaidh orra nach urrainn dhaibh taic a chumail rin cuid chloinne. Bidh sinn an dòchas gum misnich leithid an rannsachaidh seo barrachd phàrantan gus foghlam Gàidhlig a roghnachadh dhan cuid chloinne.”

Am measg an fheadhainn eile a bhios a’ lìubhairt òraidean air an latha, tha an t-Àrd- Ollamh Antonella Sorace bho Oilthigh Dhùn Èideann a tha gu bhith a’ bruidhinn mu na buannachdan a tha ann an dà-chànanas; Seonag NicFhionghain, Stiùiriche Foghlaim Chomhairle nan Eilean Siar agus Donalda NicComb, Ceannard Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu.

Bidh seiseanan ann feasgar far an tèid cinn-teagaisg fa leth a dheasbad leithid foghlam ro-sgoile, bun-sgoile, àrd-sgoile agus foghlam aig àrd-ìre, rannsachadh agus trusadh luchd-teagaisg. Bidh seisean ann cuideachd air an rannsachadh ùr a tha ga fhoillseachadh air an latha, le cothroman air an luchd-rannsachaidh a cheasnachadh.

Thuirt neach-labhairt bho Iris Taigh an Ròid:

“Suidhichte mu choinneamh cùl-raon de ghearraidhean sa bhuidseat, iarrtas a’ crìonadh ann an cuid de dh’ ùghdarrasan agus mòran iarrtais ann am feadhainn eile, agus deasbad mu mheud chlasaichean ann an sgoiltean Gàidhlig, tha dearbhadh na slighe air adhart do FtG na obair ioma-fhillte aig a bheil feum air deasbaireachd fhosgailte le cur-a-steach bho gach neach a tha an sàs ann – luchd-cumaidh phoileasaidhean, luchd-teagaisg agus ceannardan sgoile, ùghdarrasan ionadail, buidhnean le dleastanas gus àrdachadh agus taic a thoirt don Ghàidhlig agus do phàrantan le ùidh ann am foghlam Gàidhlig.”

Bidh a’ cho-labhairt, air a stiùireadh le Iain Moireasdan bho McGarvie Morrison Media, a’ tòiseachadh aig 08.45 le clàradh.

Coinneamh Bhliadhnail Chomann nam Pàrant (Nàiseanta) 2007

18/05/07

’S ann an Inbhir Nis a bha Coinneamh Bhliadhnail Chomann nam Pàrant (Nàiseanta) am bliadhna. Choinnich pàrantan a bha a’ riochdachadh diofar sgìrean bho Uibhist do Dhùn Èideann air feasgar Dihaoine 11mh Cèitean.

Anns an Aithisg Bhliadhnail thug Cathraiche CNP(N), Iona McHale iomradh air an adhartas a chaidh a dhèanamh ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig thairis air a’ bhliadhna ach cuideachd air na rudan nach do shoirbhich leinn. Thuirt Iona, a tha a’ leigeil dhith a dreuchd às dèidh trì bliadhna

“Bu chaomh leam taing a thoirt do na pàrantan air fad a tha air tòrr strì a dhèanamh am bliadhna ann an iomadach sgìre gus adhartas fhaighinn ann am foghlam Gàidhlig, tha sinn mothachail cho doirbh ’s urrainn dhan obair seo a bhith aig amannan ach ’s ann tro phàrantan a tha dèonach strì airson a’ chànain a thig adhartas.”

Às dèidh na Coinneimh fhoirmeil, thug Rosemary Ward agus Angela Nicillebhraigh, Bòrd na Gàidhlig, seachad òraid air ‘Ro-innleachd Nàiseanta Foghlam Gàidhlig’. Às dèidh sin bha cothrom ceistean a chur air pannal far an robh DI MacLeòid, Comhairle na Gàidhealtachd agus Seònaid NicLeòid, ceannard ùr Bhun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis còmhla ri Rosemary is Angela. Ghabh pàrantan an cothrom seo airson ceistean a chur air pannal le daoine cho fiosraichte mu fhoghlam agus bha deasbad inntinneach ann air iomadh cuspairean co-cheangailte ri foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

An ath latha chum CNP(N) coinneamh den Chomataidh agus chaidh Curstaidh NicDhòmhnaill a thaghadh mar Chathraiche agus Dawn Morgan mar Iar-chathraiche. Thuirt Curstaidh

"Tha CnP(N) air leth toilichte taic làidir fhaighinn bhon Mhanaidsear Fhoghlam aig Bòrd na Gàidhlig, Rosemary Ward, agus tha sinn a' dèanamh fiughair ri bhith ag obair còmhla rithe agus ris a' Bhòrd ann a bhith a' leasachadh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig a h-uile ìre air feadh Alba. Am bliadhna, bidh sinn ag obair gu sònraichte a dh' ionnsaigh barrachd sgoiltean fa leth a stèidheachadh, barrachd chuspairean san Àrd-sgoil agus barrachd foillseachaidh airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig."

Magaidh Wentworth

Comann nam Pàrant Nàiseanta

Fòn: 07708398649

Post-d: Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.

Pàrantan à Earra-Ghàidheal a’ coinneachadh airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig adhartachadh

Pàrantan à Earra-Ghàidheal a’ coinneachadh airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig adhartachadh

20/09/07

Fhuair pàrantan às na sia àiteachan ann an Earra-Ghàidheal far am bheil chlann a’ faighinn foghlam tro mheadhan na Gàidhlig cuireadh do choinneamh Comann nam Pàrant air Disathairne 29mh Sultain. Dh’ fhoillsich a’ Chomhairle am plana Gàidhlig bho chionn goirid agus bheir seo cothrom do phàrantan meòrachadh air, agus às dèidh sin na beachdan aca a chuir an cèill. Tha Comann nam Pàrant a’ cumail a’ choinneamh seo anns an sgoil Gàidhlig ùr ann an Glaschu agus bheir seo cothrom do phàrantan faicinn mar a tha an sgoil ùr a’ cur ri fàs a’ chànain anns a’ bhaile.

Tha Plana Nàiseanta na Gàidhlig, a dhealbh Bòrd na Gàidhlig, a’ sonrachadh fàs anns na h-àireamhan ann an foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, agus gheibh pàrantan ann an Earra-Ghàidheal cothrom mìneachadh am pàirt a bhios acasan anns an leudachadh seo. Ged a tha solarachadh thidsearan na dhùbhlan fhathast, tha fàs air a bhith ann an Earra-Ghàidheal thairis air na bliadhnaichean mu dheireadh. An uiridh bha 221 sgoilear eadar sgoil-àraich, bun-sgoil agus àrd-sgoil ach bho chionn deich bliadhna cha robh ach mu thimcheall 80.

Thuirt Eòghainn Mac a’ Phearsain neach-cathrach Comann nam Pàrant an Òbain “Bhon Dàmhair 2007, bidh Sgoil Àraich an Òbain, goireas foghlaim ro-sgoile Gàidhlig anns an Òban, fosgailte gach madainn ann an togalach fior mhath taobh-a-staigh làrach bun-sgoiltean an Òbain, agus bidh seo a’ toirt cothrom don chloinn aonachadh an dèidh beagan ùine don roinn Foghlam Tro Mheadhan na Gàidhlig ann an Bunsgoil Achadh na Creige.”

Ged a tha an solarachadh seo fallain airson Gàidhlig anns an Òban, tha sinn a’ cur fàilte air an cothrom coinneachadh, agus a bhith ag ionnsachadh bho phàrantan eile à Earra-Ghàidheal bho àiteachan mar Ìle agus Tiriodh, agus a’ cur ri leasachadh Plana Gàidhlig na Chomhairle. “

Tha Comann nam Pàrant a’ pàigheadh cosgais siubhail gu Glaschu airson dà phàrant às gach sgìre, ach tha cuireadh fosgailte do phàrant sam bith a tha airson tighinn air an ceann fhèin. Bu chòir neach sam bith aig a bheil ùidh ann a bhith an làthair fios a chur gu Magaidh Wentworth, Oifigear Phàrant air 07708398649.

Soirbheas Foghlam Gàidhlig ann an Glaschu

20/08/07

Aig an àm seo an-uiridh dh’fhosgail Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, mar cheum chudromach ùr do fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an Alba. Bliadhna às dèidh làimh agus tha an soirbheas a leantail air adhart sa bhaile. Tha pàrantan à Glaschu agus an sgìre timcheall air barrachd chloinne a chur dha na sgoiltean Ghàidhlig ann an Glaschu: 3 sgoiltean-àraich; am bun-sgoil agus an àrd-sgoil aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu aig Taobh na Coille agus an ionad Gàidhlig aig Àrd-sgoil Cnoc na Pàirce.

Tha Comann nam Pàrant a bhios a brosnachadh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air leth toilichte leis an adhartas seo. Tha 75 duine chloinne a bharrachd ann am FTMG am bliadhna na bh’ ann an-uiridh.

Tha barrachd is barrachd pàrantan a tuigsinn na buannachdan à foghlam den t-seòrsa seo. Tha clann a dèanamh glè mhath ann an àrainneachd Ghàidhlig agus air sgàth cho math ’s a tha na dòighean teagaisg.” thuirt Mary Galbraith, cathraiche Chomann nam Pàrant Ghlaschu.

Chaidh àireamh chloinne ann am FTMG suas 19% ann an Glaschu. Tha na h-àireamhan a fàs air feadh Alba agus tha Glaschu a cumail deagh thaic ri seo. Tha àireamhan chloinne a dèanamh foghlam anns an fharsaingeachd ann an Alba air tuiteam, 5% ann an cuid den sgìrean ionadail.

Ann an Glaschu:

  • Ìre bun-sgoil – far a bheil a chuid is motha de FTMG a thachairt – chaidh na h-àireamhan suas 14% le 253 ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu. Chaidh 50 a-steach gu clas 1 am bliadhna an taca ri 48 an-uiridh, am measg na h-àireamhan nas àirde sa bhaile.
  • Sgoil-àraich: suas 22% le leudachadh anns na trì sgoiltean-àraich
  • Ìre àrd-sgoil – gu 2011 air a roinnte eadar an sgoil ùr agus Àrd-sgoil Cnoc na Pàirc air taobh deas a’ Bhaile – leudachadh 32%. Tha dà adhbhar airson seo:
  • Chaidh 100% de sgoilearan à bun-sgoil clas 7 gu àrd-sgoil 1 sa sgoil ùr. B’ àbhaist tòrr chloinne a bhi stad FTMG às dèidh bun-sgoil fhàgail agus tha an sgoil ùr a cuideachadh le seo a stad.
  • Thànaig 25% den chloinne ann an clas àrd-sgoil 1 bho chomhairlean ionadail eile. Tha clann ùr à Cille Bhrìghde an Ear, Comar nan Allt, Grianaig agus Cill Mhearnaig le làn dùil gun lean seo air adhart sa bhliadhnaichean a tha romhainn.

Tha an sgoil ùr a tabhann caochladh chuspairean nach eil ri faighinn an àite sam bith eile agus tha sin gu ma tarraingeach do phàrantan agus sgoilearan.

“Tha an sgoil 3 – 18 ùr a toirt misneachd do phàrantan ann am foghlam Gàidhlig”, thuirt Sean Ó Gallchoir, cathraiche bòrd na sgoile, “agus tha e a sealltainn cho taiceil sa a tha Comhairle Bhaile Ghlaschu dhan Ghàidhlig agus foghlam ar cuid cloinne”.

 

 

 

Cothrom ga thoirt do phàrantan am beachd a thogail air an t-slighe air adhart do dh’fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig

14/11/07

Tha cothrom ga thoirt do phàrantan chloinne ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig sna h-Eileanan an Iar an cuid mholaidhean a chur air adhart air foghlam ionadail. Tha Comann nam Pàrant a’ cumail sreath choinneamhan air feadh na h-Eileanan gus beachdan phàrantan a thogail air mar a ghabhas foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a neartachadh anns na bliadhnaichean ri thighinn.

Bhon a chaidh fhoillseachadh gum biodh Comhairle nan Eilean Siar a’ dèanamh sgrùdaidh air na sgoiltean uile san roinn tha mòran theaghlaichean air draghan a nochdadh air a’ bhuaidh a bhios aig a seo air foghlam Gàidhlig. Tha Comann nam Pàrant agus Bòrd na Gàidhlig an dùil cuireadh foirmeil fhaighinn am beachd a chur a-steach ris a’ cho-chomhairle phoblach aig Comhairle nan Eilean Siar air na sgoiltean.

Tha Comann nam Pàrant airson a’ cho-dhùnaidh as fheàrr fhaighinn do chlann ann am foghlam Gàidhlig. Bheir na coinneamhan seo cothrom do phàrantan le clann ann an foghlam Gàidhlig an-dràsta, agus feadhainn a tha a’ beachdachadh air, na smuaintean agus na molaidhean aca a chur air adhart. Nuair a thòisicheas sgrùdadh na Comhairle, bidh pàrantan deiseil airson cur ris a’ cho-chomhairle le beachdan a chaidh aontachadh aig ìre ionadail mun t-slighe air adhart do dh’fhoghlam Gàidhlig.

Fiosrachadh mu na coinneamhan: 

Sgìre

Ceann-latha (uile bho 7.30 – 9.00f)

Àite

Barraigh

Diardaoin 22 Samhain 2007

Ionad Ionnsachaidh Bharraigh

Nis

Diciadain 28 Samhain 2007

Ionad Ionnsachaidh Nis

Siabost

Diardaoin 29 Samhain 2007

Ionad na Seann Sgoile

Na Hearadh

Diluain 3 Dùbhlachd 2007

Ionad Choimhearsnachd
An Tairbeart

An Rubha

Dimàirt 4 Dùbhlachd 2007

Ionad Choimhearsnachd Rubha an Tiùmpain

Am Bac

Diciadain 12 Dùbhlachd 2007

Ionad Chol

Breascleit

Diardaoin13 Dùbhlachd 2007

Ionad Choimhearsnachd Bhreascleit

Na Lochan

Diciadain 9 Faoilleach 2008

Talla Baile Ailein

Steòrnabhagh

Diardaoin10 Faoilleach 2008

Talla a’ Bhaile

Uibhist a Deas

Diluain 14 Faoilleach 2008

Taigh-Tasgaidh Chill Donnain

Uibhist a Tuath

Dimàirt 15 Faoilleach 2008

Talla Chairinis

Beinn na Faoghla

Diciadain16 Faoilleach 2008

Ionad Ionnsachaidh Bheinn na Faoghla

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

“Tha dùil gur iad seo na h-atharraichean as motha a bheir a’ Chomhairle a-steach fad ginealach, agus dh’fhaodadh buaidh mhòr a bhith aca air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig” thuirt Magaidh Wentworth, Oifigear Phàrant Nàiseanta. “’S e cothrom air leth a tha seo piseach a thoirt air seirbhisean foghlam Gàidhlig anns na h-Eileanan agus an glèidheadh airson na bliadhnaichean a tha romhainn; dh’fhaodadh nach fhaigh sinn cothrom mar seo a-rithist airson iomadach bliadhna.”

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ toirt taic don iomairt seo.

“Tha a’ Chomhairle air aithneachadh o chionn ghoirid a-rithist gu bheil iarrtas phàrantan aig cridhe leasachadh na seirbhisean aca. Tha sinn toilichte taic a chumail ris an iomairt seo a bheir cuideachadh do phàrantan breithneachadh air na roghainnean a th’ aca agus nam beachdan a thoirt don Chomhairle”,

thuirt Rosemary Nic a’ Bhàrd, Stiùiriche Foghlaim don Bhòrd.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho Mhagaidh Wentworth, Comann nam Pàrant air 01463 234 138 neo Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.

Facebook

 

Còraichean © 2018 Comann nam Pàrant | Gach còir glèidhte