Turas chultarail le na Sami agus Sgoilearan Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis

Turas chultarail le na Sami agus Sgoilearan Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis

04/06/09

Bha na Sami a tha a’ fuireach ann an ceann a’ Tuath an t-Suain a’ sealtainn cho coltach ’s a tha iad ri na Gàidheil nuair a bha iad a cèilidh air Roinn Ghàidhlig Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis. Bha buidheann de 16 sgoilearan agus triùir tidsearan bho Kiruna, am baile as fhaide tuath san t-Suain, a cuir seachad feasgar le sgoilearan ann am foghlam tro mheadhain na Gàidhlig. Chòrd e ris an dà bhuidheann còmhradh air na cultaran aca.

Buinidh na Sami do cheann a tuath an t-Suain, An Ruis, Fionlainn agus Nirribhidh agus bidh iad a bruidhinn an cànan aca fhèin is tha sgoilearan air an teagaisg sa chànan. Ri linn an dòigh anns an robh an cànan air a chumail sìos tha na riaghaltasan sa sgìre a dèanamh oidhirp shònraichte air an cànan agus an cultar a brosnachadh.

Mhìnich na Sami an cultar agus foghlam aca tron chànan aca fhèin agus dh’innse iad mu dheidhinn baile Kiruna far a bheil taigh-òsta air a dhèanamh le deigh.

Fhuair iad an uair sin biadh Albannach bho sgoilearan an Acadamaidh Rìoghail; duff, aran-coirce, gruth, fudge agus Irn Brù! Bha cuideachd Sally Swanson a th’ anns an darna bliadhna a seinn agus Daniel MacDhùghaill sa treas bliadhna a pìobaireachd. Bha an cruinneachadh seo air a chur air dòigh le Bòrd na Gàidhlig.

“Tha tòrr rudan co-ionnan ann an cultar na Sami agus cultar nan Gàidheal agus an dòigh anns a bheil iad air am brosnachadh anns na dùthchannan aca fhèin” thuirt Lena Walker, tidsear Gàidhlig. “Bha e glè inntinneach feasgar a cuir seachad còmhradh air uiread fiosrachaidh cultarail agus tha mi smaoineachadh gum bi an òigridh – agus na tidsearan – tòrr nas eòlaiche air sgàth seo.”

Tuilleadh fiosrachaidh bho Lena Walker (01463 222884)

Cultural Exchange between Sami Visitors and Royal Academy Gaelic Pupils