Cànan - Language

Cuairt-litir

Cuairt Litir

Ar cuairt-litir as ùr 
(cruth PDF)
Geamhradh 2017-18 


  Aithisg Bhliadhnail 2017/18  

Aithisg Bhliadhnail | Annual Report 2017-18

Aithisg Bhliadhnail 2017/18 

 

 

 

 

 

 

 

 

Pàrantan Gàidhlig dol a dh’fhaighinn feum bho bhùithtean-obrach

31/08/09

Tha Comann nam Pàrant Inbhir Nis air maoineachadh fhaighinn bho Bhòrd na Gàidhlig gus sreath bhùithtean-obrach a chuir air dòigh a chumas taic ri pàrantan a thaobh sgilean cànain a bhios feumail nuair a bhios iad a’ bruidhinn Gàidhlig le clann aig an taigh.

Bidh na bùithtean air caochladh cuspair leithid leughadh, sgeulachdan, geamannan Gàidhlig, ìomhaigh a’ chànain, blasad Gàidhlig, cuideachadh le obair dachaigh, briathrachais taighe agus goireasan Gàidhlig air-loidhne.

Tha Cathraiche ChnaP Inbhir Nis Brian Ó hEadhra air fàilte a chuir air an taic –

“tha sinn air leth toilichte an cuideachadh seo fhaighinn bho Bhòrd na Gàidhlig gus ar cuideachadh le pròiseact chudromach. Mar phàrant chan eil e furasta fiosrachadh fhaighinn mu dheidhinn tachartasan taobh a-muigh na sgoile agus tha sinn an dòchas gun cuidich na bùithtean obrach seo pàrantan le na sgilean Gàidhlig aca.”

Tha CnaP Inbhir Nis airson foghlam Gàidhlig a bhrosnachadh aig a h-uile ìre ann an sgìre Inbhir Nis. Thèid a’ Choinneamh Bhliadhnail aca a chumail air 28mh Sultain aig 7f ann am Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis. Bidh òraidean agus buidhnean Gàidhlig ionadail ann a’ còmhradh air feumalachdan foghlam Gàidhlig leithid àrd-sgoil ùr Gàidhlig, ionad ro-sgoile airson Cùram Chloinne Inbhir Nis agus ‘hub’ Ghàidhlig Inbhir Nis a tha fo thairgse.

Lean Maighistir Ó hEadhra

“Tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air a bhith glè shoirbheachail sa sgìre is feumaidh sinn coimhead ri leudachadh aig ìrean ro-sgoil agus àrd-sgoil. Tha na buidhnean uile ag obair còmhla gus a’ Ghàidhealtachd a dhèanamh dà/ioma-chànanach agus cuiridh sinn fàilte air neach sam bith a tha airson a bhith an sàs sna leasachaidhean cultarail seo.”

Tòisichidh na bùithtean-obrach san Dàmhair, cinn latha ri thighinn.

Facebook

 

Còraichean © 2018 Comann nam Pàrant | Gach còir glèidhte