Seachdain Gàidhlig airson teaghlaichean

29/01/10

26mh - 30mh Iuchair 2010

Às dèidh tachartas gu math soirbheachail an-uiridh tha Comann nam Pàrant a’ cur air bhonn seachdain Gàidhlig a-rithist ann an Leòdhas airson teaghlaichean le chlann ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Tha e aithnichte a-nis gu bheil ath-stèidheachadh na Gàidhlig mar ‘cainnt màthaireil’ agus cleachdadh na Gàidhlig anns an dachaigh agus anns an teaghlach deatamach do ath-bheothachadh na cànain agus cuiridh an t-seachdain seo ris an taic a tha ri fhaighinn mar tha do phàrantan a tha airson barrachd Gàidhlig a chleachdadh anns na dachaighean aca.

Bidh na h-inbhich aig clasaichean Gàidhlig gach latha fhads a tha a’ chlann aig an Fhèis ann an Steòrnabhagh. Bidh dà chlas ann aig diofar ìrean a rèir iarrtas bho na daoine a bhios a’ gabhail pàirt agus gheibh pàrantan cothrom Ulpan fheuchainn. Cumar na clasaichean anns an aon togalach anns am bheil an Fhèis. Tha sinn airson gum faigh pàrantan an t-àite-fuirich aca fhèin agus pàighidh sinne 50% de na cosgaisean suas do £250. Gheibh sibh fiosrachadh air làrach-lìn Visit Scotland air àiteachan-fuirich timcheall Steòrnabhagh agus cuideachd tha sinn a’ moladh am Pàirc Carabhan ann an Lacasdail.

Feumaidh com-pàirtichean am biadh agus an cuid siubhail a phàigheadh agus cosgais an Fhèis don chloinn, airson a’ chiad leanabh £37 agus £18 airson daoine an còrr anns an teaghlach.

Ma tha sibh ag iarraidh àite air an t-seachdain neo barrachd fiosrachaidh cuiribh fios gu Magaidh Wentworth air 01463 234138 neo Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.