Coinneamh Bhliadhnail 2010

Coinneamh Bhliadhnail 2010

04/05/10

Cumar Coinneamh Bhliadhnail Comann nam Pàrant (Nàiseanta) ann an Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis, Inbhir Nis, IV2 6BA air Dihaoine 21 Cèitean 2010 aig 7.30f. Às dèidh na coinneimh fhoirmeil bidh òraid air foghlam Gàidhlig san àrd-sgoil agus cothrom ceistean a chur air phannal. Tha fàilte ga chuir air gach neach aig a bheil ùidh ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.