Cànan - Language

Cuairt-litir

Cuairt Litir

Ar cuairt-litir as ùr 
(cruth PDF)
Geamhradh 2017-18 


  Aithisg Bhliadhnail 2017/18  

Aithisg Bhliadhnail | Annual Report 2017-18

Aithisg Bhliadhnail 2017/18 

 

 

 

 

 

 

 

 

Aithisg Bhliadhnail 2009/10

Tha a’ chomataidh air coinneachadh ceithir tursan bhon choinneamh bhliadhnail mu dheireadh ann am bliadhna a th’ air a bhith caran measgaichte do dh’fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Chaidh an àireamh chloinne aig ìre na bun-sgoile am meud gu ìre bheag, a’ toirt an àireamh gu 2256 air fad an comain ri 2206 an uiridh, ann an 60 sgoil air feadh Alba. Chaidh an àireamh a tha a’ tòiseachadh ann am P1 an àird, le 23 a bharrachd aig an ìre seo, a’ ciallachadh gu deach 390 leanabh a chlàradh às ùr airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig am bliadhna. Tha cuideachd 7% a bharrachd chloinne a’ fàgail na bun-sgoile agus a’ cumail a’ dol le foghlam tro mheadhan na Gàidhlig gu ìre air choireigin san àrd-sgoil

Tha am fàs as cudromaiche fhathast ri fhaicinn anns na sgoiltean Gàidhlig agus anns na bailtean mòra leithid Dhùn Èideann. Tha e, mar sin, na bhriseadh-dùil gun deach cho beag adhartais a dhèanamh le Comhairle na Gàidhealtachd a thaobh sgoiltean Gàidhlig fhosgladh anns a’ Ghearasdan agus ann am Port Rìgh bho chaidh aontachadh ris an dà sgoil ann am prionnsabal anns an t-Samhain 2008. Tha pàrantan air feadh na Gàidhealtachd cuideachd air leth iomagaineach mun mholadh aig Comhairle na Gàidhealtachd gum bu choir an co-mheas tidsear/leanabh ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (FTMG) a bhith aig an aon ìre ri foghlam tro mheadhan na Beurla. Chaidh seo a dheasbad aig coinneamh roinneil CnP anns a’ Ghiblean agus chaidh aontachadh gun toireadh seo droch bhuaidh dha rìreabh air FTMG agus tha sinn air a bhith a’ brosnachadh gach buidheann CnP agus pàrantan air a’ Ghàidhealtachd sgrìobhadh chun an ùghdarrais ionadail airson an uallaichean a chur an cèill. Tha CnP(N) air sgrìobhadh gu Stiùiriche an Fhoghlaim mun a’ chùis agus thathar cuideachd ann an còmhradh ris a thaobh fàilligeadh na comhairle Oifigear Foghlaim Gàidhlig a chur ann an dreuchd.

Le taic bho Bhòrd na Gàidhlig, tha sinn air ‘Sgeama Comhairleachaidh Phàrant’ a chur air bhog. ’S e iomairt brosnachaidh nàiseanta FTMG a tha seo a chuireas air bhonn lìonradh de luchd-comhairleachaidh phàrantan a thogas aire dhaoine gu na cothroman air FTMG air feadh Alba agus, aig a’ cheann thall, a chuireas an àird an àireamh sgoilear a’ gabhail brath air FTMG. Tha sinn den bheachd gun tig a’ chomhairle as fheàrr do phàrantan bho phàrantan aig a bheil eòlas pearsanta air FTMG mar phàrantan no luchd-cùraim chloinne a tha a’ dol tro fhoghlam Gàidhlig an-dràsta no a chaidh troimhe roimhe. Chaidh làithean trèanaidh airson an sgeama an cumail ann an Inbhir Nis agus Glaschu le riochdairean bho Bhòrd na Gàidhlig, Comunn na Gàidhlig, am BBC agus Bilingual Matters a’ gàbhail pàirt. Cho math ris na trì làithean trèanaidh sin, chum sinn seiseanan trèanaidh na bu lugha anns a’ Ghearasdan agus an Obar Dheathain agus tha sinn a-nis air 22 neach-comhairleachaidh a thrèanadh. Tha luchd-comhairleachaidh air a bhith an-sàs ann an cur-seachadan brosnachaidh nan sgìrean fhèin; a’ cur air dòigh tachartasan, ag obair le sgoiltean agus a’ cur air dòigh làithean fosgailte, a’ sgaoileadh bhileagan agus phostairean, a’ sanasachd ann am pàipearan ionadail agus a’ tadhal air ionadan ro-sgoile airson bruidhinn ri pàrantan.

Mar phàirt dhen sgeama, feumaidh sinn a bhith cinnteach gu bheil stuthan aig luchd-comhairleachaidh agus tha sinn air grunn bhileagan agus phostairean a chruthachadh. ’S e an leabhran ‘Fios is Freagairt’ fhathast a’ phrìomh ghoireas a th’ ann do phàrantan agus am bliadhna dh’fhoillsich sinn an dàrna bileag san t-sreath anns am bheil fiosrachadh do phàrantan air mar a chuireas iad taic ri Gàidhlig na cloinne san dachaigh. Gu ruige seo, tha sinn air 1,500 de na leabhran seo a sgaoileadh air pàrantan. 

Tha sinn fhathast a’ cur taic ri foghlam Gàidhlig le bhith a’ cur air dòigh tachartasan tro mheadhan na Gàidhlig do chloinn taobh muigh na sgoile aig ìrean ionadail agus nàiseanta agus am bliadhna chum sinn an seachdamh seachdain Gàidhlig sa Ghiblean do sgoilearan tro mheadhan na Gàidhlig. Thàinig mu 200 sgoilear a Dhùn Èideann far an do ghabh iad pàirt ann an cur-seachadan tro mheadhan na Gàidhlig aig na Gailearaidhean Nàiseanta, Gailearaidh am Fruitmarket, Our Dynamic Earth, Gàraidhean Rìoghail Luibh-eòlais agus Caisteal Dhùn Èideann. Airson an còigeamh bliadhna ann an sreath, tha CnP Dhùn Èideann air ar cuideachadh le bhith a’ cur air dòigh oidhche cèilidh dhuinn airson cothrom a thoirt do sgoiltean a th’ air thuras tighinn còmhla gu sòisealta agus tha sinn taingeil airson an taice. 

Na bu tràithe air a’ bhliadhna, ann an compàirt ri Comunn na Gàidhlig, chuir sinn air dòigh an ceathramh Seachdain Teaghlaich ann an Leòdhas. Fhritheil pàrantan clasaichean Ùlpan fhad ’s a bha a’ chlann aig an Fhèis ann an Steòrnabhagh. Ged nach eil e comasach dhuinn ach àireamh beag de theaghlaichean a ghabhail airson na seachdain, ’s e tachartas air leth soirbheachail a th’ ann agus tha sinn am beachd a chumail a-rithist am bliadhna. 

Tha sinn a’ cumail a’ dol le bhith a’ cruthachadh leabhar-là sgoile do sgoilearan bun-sgoile agus tha sinn a’ toirt taic-airgid do dh’àrd-sgoiltean a tha airson leabhar-là dà-chànanach fhoillseachadh.

Tha Comann nam Pàrant taingeil do Bhòrd na Gàidhlig airson an cuid-taic le bhith a’ maoineachadh na buidhne agus do Chomunn na Gàidhlig airson an taic rianachd.

Bu mhath leam cuideachd taing a thoirt do gach pàrant anns na buidhnean ionadail CnP a th’ air a bhith ag iomairt airson agus a’ cur taic ri foghlam tro mheadhan na Gàidhlig am bliadhna. Tha sinn mothachail gu bheil iomadh dleastanas air pàrantan agus tha sinn nan comain airson an ùine a tha iad a’ toirt do CnP aig ìre ionadail.

Anns a’ bhliadhna a tha romhainn bu mhath le Comann nam Pàrant (Nàiseanta) neartachadh fhaicinn a’ tighinn air a’ chomataidh nàiseanta le barrachd phàrantan a’ sealltainn ùidh aig ìre nàiseanta. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ri Bòrd na Gàidhlig air prìomhachasan a chaidh a chomharrachadh anns a’ Phlana Gnìomh airson an àireamh de luchd-labhairt Gàidhlig àrdachadh. ’S iad na prìomhachasan airson a’ bhliadhna a tha romhainn: àrdaich mothachadh, agus an àireamh a’ gabhail brath, air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, anns a’ mhòr-chuid tro lìonradh de luchd-comhairleachaidh phàrantan, brosnaich agus bheir taic do phàrantan gus barrachd Gàidhlig a chleachdadh san dachaigh, bheir taic dhan iarrtas airson sgoiltean sònraichte Gàidhlig agus cum a’ dol le bhith a’ sireadh adhartas ann an solar sna h-àrd-sgoiltean.

Dawn Morgan, Cathraiche Chomann nam Pàrant (Nàiseanta), Cèitean 2010

Tha Comann nam Pàrant (Nàiseanta), a’ bhuidheann stiùiridh airson nam buidhnean ionadail, na charthannas clàraichte an Alba le prìomh amas

“a bhith a' cur air adhart agus a' toirt taice do stèidheachadh is cumail suas Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig”.

Tha comas aig a h-uile sgìre far am bheil buidheann CnP ionadail a bhith air an riochdachadh air a’ chomataidh nàiseanta, a’ ciallachadh gun cluinnear guth gach pàrant aig ìre nàiseanta. 

Comataidh Chomann nam Pàrant (Nàiseanta) 2009/10 

Dawn Morgan Inbhir Nis, Inbhir Narann, Bàideanach agus Srath Spè
Mary Galbraith Iar Dheas Alba
Marsaili Dow Iar Dheas Alba
Fiona NicLeòid Gallaibh, Cataibh agus Ros an Ear
Fiona Byrne Iar Thuath Rois, An t-Eilean Sgitheanach agus Loch Abar
Colin Meek Iar Thuath Rois, An t-Eilean Sgitheanach agus Loch Abar
Lorna NicDiarmaid Iar Thuath Rois, An t-Eilean Sgitheanach agus Loch Abar
Kerry Butler Meadhan Alba
Sharon Methven Alba an Ear
Donna Chaimbeul Alba an Ear
Sandy MacNeacail Alba an Ear

 

Facebook

 

Còraichean © 2018 Comann nam Pàrant | Gach còir glèidhte