Cànan - Language

Cuairt-litir

Cuairt Litir

Ar cuairt-litir as ùr 
(cruth PDF)
Samhradh 2017 


  Aithisg Bhliadhnail 2016/17  

Aithisg Bhliadhnail | Annual Report 2016-17

Aithisg Bhliadhnail 2016/17 

 

 

 

 

 

 

 

 

Dreach Ghàidhlig de Dhòigh-obrach ùr Sàbhailteachd Rathaid do na Bliadhnachan Tràtha

Tha Riaghaltas na h-Alba agus Sàbhailteachd Rathaid Alba an-diugh (24 Faoilleach) a' foillseachadh an dreach Ghàidhlig den dòigh-obrach ùr, adhartach aca airson foghlam sàbhailteachd rathaid anns na bliadhnachan tràtha: ‘Siubhal Sàbhailte! – Teachdaireachd Sàbhailteachd Rathaid Siogaidh’.

Chaidh an dòigh-obrach ùr seo airson foghlam sàbhailteachd rathaid fhoillseachadh an toiseach san Dàmhair 2010 agus tha e ag amas air clann gu lèir ann an Alba bho àm breith gu sia bliadhna a dh’aois agus na ‘coimhearsnachdan’ de phàrantan, luchd-cùraim agus luchd-obrach foghlaim aca.

Tha an dreach Ghàidhlig de leabhraichean Siogaidh mar phàirt de rùn Sàbhailteachd Rathaid Alba a dhol an sàs le clann gu lèir sna bliadhnachan tràtha air feadh Alba mar dhòigh air sàbhailteachd rathaid bliadhnachan tràtha a leasachadh.

An-dràsta, tha còrr is 50,000 luchd-labhairt Gàidhlig ann an Alba agus ann an 2010 bha 2,256 sgoileir aig ìre bun-sgoile a' faighinn foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus 867 pàiste a' frithealadh sgoil-àraich Ghàidhlig.

Gheibh a h-uile pàiste ro-sgoile ann an Alba dreach deth na leabhraichean a chaidh an cruthachadh a dh’aona ghnothaich mar phàirt den iomairt ùr stèidhichte-air-stòiridh a tha ag amas, chan ann a-mhàin air leasachadh a thoirt air foghlam sàbhailteachd rathaid sna bliadhnachan tràtha, ach cuideachd a' toirt an toiseach tòiseachaidh as fheàrr do chloinn òga san ionnsachadh fhad-beatha aca mu bhith a’ fuireach sàbhailte air agus timcheall an àrainneachd rathaid.

Tha an àrainneachd rathaid fhathast a' riochdachadh an adhbhar singilte as àirde airson bàs agus leòn chlann òga ann an Alba, le 1,474 leòn pàiste air rathaidean na h-Alba ann an 2009. Tha an dòigh-obrach ùr ag amas air leòintich chloinne a lùghdachadh tro bhith a' brosnachadh phàrantan, luchd-cùraim agus luchd-foghlaim a dhol an sàs gus deagh eisimpleirean a thoirt seachad a h-uile turas a tha iad air no faisg air rathaidean le clann òga.

Mar phairt den dòigh-obrach ùr, thèid 2,500 leabhar Gàidhlig an sgaoileadh air feadh Alba airson an cleachdadh san dachaigh le clann ro-sgoile. Tha làrach-lìn ùr air a chur air bhog airson clann, pàrantan agus luchd-foghlaim - www.gosafewithziggy.com – agus tha dùil gun tèid dreach slàn agus eadar-ghluasadach den làrach beò nas fhaide air a' bhliadhna seo.

Stèidhichte air a’ charactar dathteach Siogaidh, coigreach a tha a' tadhal air Alba gus ionnsachadh mu dheidhinn sàbhailteachd rathaid, chaidh na stuthan ùra an leasachadh fa chomhair poileasaidh Riaghaltais na h-Alba mu dhol an sàs tràth agus Curraicealam airson Sàr-mhathais airson gach prìomh ìre de na bliadhnachan tràth: 0-3, ro-sgoil agus an gluasad a-steach gu Prìomh 1.

Sgrìobhte leis an ùghdair Lynne Cheanadach à Glaschu agus air a dhealbhadh leis an neach-teagaisg bun-sgoile agus dealbhaiche à Siorrachd Lannraig Lynn Nic an Tàilleir, tha na stòiridhean a' cleachdadh stòidhle sònraichte lèirsinneach le caractaran a’ nochdadh air cùl-taicean dealbhte; a’ dèanamh feum de dhealbhadaireachd 'ìre sùla leanaibh’ airson ceangal làidir a chruthachadh eadar na stòiridhean agus eòlasan fìor bheatha chlann òga.

Mar dhòigh air foillseachadh a’ ghoireas foghlaim ùr Gàidhlig a chomharrachadh, thàinig clann san aonad Ghàidhlig, còmhla ri am pàrantan agus an luchd-teagaisg, bho Bhun-sgoil Chrois na Cìse còmhla ris an t-seinneadair Gàidhlig agus preseantair Tbh Caitlin NicAonghais, gu Our Dynamic Earth ann an Dùn Èideann gus pàirt a ghabhail ann an leughadh bhon chiad leabhair Gàidhlig san t-sreath - ‘Siogaidh agus an Loilidh’.

A’ bruidhinn air foillseachadh an dreach Ghàidhlig de na leabhraichean Siogaidh thuirt Leas-stiùiriche Sàbhailteachd Rathaid Alba, Màiri Blair:

“Tha foillseachadh an dreach Ghàidhlig de na leabhraichean ùra Siogaidh na leasachadh togarrach agus cudromach ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil cothrom aig clann gu lèir ann an Alba air a’ ghoireas foghlaim sàbhailteachd rathaid as ùire airson nam bliadhnachan tràtha.

“Tha sinn dealasach gu bhith a’ lùghdachadh an àireamh chloinne a tha air a marbhadh no air an droch leòn ann an tubaistean rathaid agus a’ dèanamh cinnteach gu bheil clann uile nas sàbhailte air rathaidean na h-Alba. Tha an dreach Ghàidhlig de leabhraichean Siogaidh mar cheum eile gu ruige a bhith a’ toirt seo gu buil airson clann na h-Alba gu lèir.”

A cur ris an sin, thuirt Oifigear Leasachaidh Sàbhailteachd Rathaid Bliadhnachan Tràth agus an dealbhaiche, Lynn Nic an Tàilleir:

“Tha an dòigh-obrach stèidhichte air sgrùdadh a tha a' sealltainn gum bu chòir dhan riochd as èifeachdaiche de dh’fhoghlam bliadhnachan tràtha a bhith stèidhichte air a bhith a’ leasachadh beachdan agus giùlanan adhartach.

“Tha fios againn gu bheil clann òga air am beò-ghlacadh le stòiridhean a tha air an deagh sgrìobhadh , rannan, geamannan agus gnìomhan, mar sin bha sinn airson dòigh-obrach iomadh-fhaireachail a chruthachadh airson foghlam sàbhailteachd rathaid.

“Tha cus chloinne fhathast gan gortachadh no gam marbhadh air rathaidean na h-Alba gach bliadhna. Tha mi an dòchas gun dèan seo fior dhiofar ann a bhith a’ leasachadh sàbhailteachd chloinne air na rathaidean againn.”

Thuirt Rùnaire an Fhoghlaim, Mìcheal Ruiseal:

“Tha ionnsachadh mu dheidhinn sàbhailteachd rathaid mar phàirt bhunaiteach de leasachadh leanaibh sam bith. Tha eadar-theangachadh nan leabhraichean seo gu Gàidhlig mar chlach mhìle chudromach eile, an dà chuid a thaobh rùn leantainneach Riaghaltas na h-Alba ris a’ chànan agus a bhith a’ leasachadh sàbhailteachd air rathaidean na h-Alba.” 

 

Facebook

 

Còraichean © 2018 Comann nam Pàrant | Gach còir glèidhte