Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a’ dèanamh na naidheachdan le taic bhon BhBC
22/03/11
Air Diardaoin, am 24mh Am Màrt bidh 40 sgoilear às an Sgoil Ghàidhlig a’ dèanamh ceangal le sgoiltean air feadh Bhreatainn a bhitheas a’ dèanamh naidheachdan air an latha sin. Bidh na sgoilearan a’ gabhail pàirt ann am BBC School Report, pròiseact gus an òigridh eadar 11-14 a bhrosnachadh gus a bhith an sàs ann an obair naidheachdan. Bidh Huw Edwards, a b’ àbhaist a bhith na thidsear, a’ cur taic ris a’ phròiseact. Thuirt esan
“Tha mise an sàs ann a’ chionns gu bheil mi ag iarraidh an cothrom a thoirt do dhaoine òg naidheachdan a dhèanamh dhaibh fhèin agus cuideachd gum bi iad ag ionnsachadh prionnsabalan airson deagh naidheachdan a chruthachadh .”
Thairis air na mìosan a dh’fhalbh, tha sgoilearan air an t-uabhas obair chruaidh a dhèanamh, air trèanadh fhaighinn agus aithrisean a chruthachadh.
‘Tha na sgoilearan air an t-uabhas obair chruaidh a dhèanamh agus tha iad air dearbhadh gun do rinn iad leasachadh air na sgilean aca’
– L Nicholson - Tidsear na Gàidhlig.
Air Diardaoin am 24mh aig dà uair feasgar bidh na sgoilearan a’ craobh-sgaoileadh na sgeulachdan aca. Seo eiseimpleirean de na sgeulachdan a tha aca: Bàs Linda Norgrove, Sgeulachd gaisgeach Cù-Chulainn, Briosgaidean, daoine a tha gun Dachaigh agus na cunnartan a tha an lùib Facebook.
‘Seo an rud as fhèarr a rinn sinn ann an Gàidhlig’
– Eilidh Jenkins – Sgoilear ÀS1.
‘Tha e a’ còrdadh rium a bhith ag obair leis a’ chamara’
– Fraser Brown – Sgoilear ÀS1
‘Is toil leam a bhith ag ionnsachadh mu nanaidheachdan’
– Simon Kelly – Sgoilear ÀS1.