Coinneamh Bhliadhnail Comann nam Pàrant (Nàiseanta)

11/04/11

Cumar Coinneamh Bhliadhnail Comann nam Pàrant (Nàiseanta) ann an Taigh-òsta Menzies, 27 Sràid Washington, Glaschu, G3 8AZ air Dihaoine 20 Cèitean 2011 aig 7.30f. Às dèidh na coinneimh fhoirmeil, bidh Johanna Marshall, Ceannard, Stòrlann a’ toirt seachad òraid air an obair anns a bheil a’ bhuidheann an sàs. As dèidh sin bidh cothrom ceistean agus deasbad. Tha fàilte ga chuir air gach neach aig a bheil ùidh ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.