Cànan - Language

Cuairt-litir

Cuairt Litir

Ar cuairt-litir as ùr 
(cruth PDF)
Geamhradh 2017-18 


  Aithisg Bhliadhnail 2017/18  

Aithisg Bhliadhnail | Annual Report 2017-18

Aithisg Bhliadhnail 2017/18 

 

 

 

 

 

 

 

 

Sgoiltean Gàidhlig cruinn còmhla ann an Dùn Èideann 2011

9/05/11

Seachd De 2011Bha faisg air 300 neach-cloinne bho air feadh Alba a’ tighinn do phrìomh bhaile na dùthcha an t-seachdain seo a fhrithealadh an t-siathamh seachdain Ghàidhlig airson sgoiltean a tha air a chur air dòigh le Comann nam Pàrant le taic bho Chomunn na Gàidhlig. Am bliadhna tha an tachartas a’ gabhail a-steach tursan aig An Lios Luibheach Rìoghail, An Gaileiridh Nàiseanta, An Taigh Tasgaidh Nàiseanta, Caisteil Dhùn Èideann agus Our Dynamic Earth. Bha sgoilearan à àiteachan cho fad air falbh ri Leòdhas, na Hearadh, Dùn Omhain, Malaig, An t-Eilean Sgitheanach, Baile Farfair, Baile Dhubhaich agus Inbhir Nis a bharrachd air sgoiltean ann an mheadhan na duthaich a’ faighinn buannachd às an sgeama ùr-ghnàthaichte seo a tha a’ toirt Gàidhlig a-mach às a’ chlas le na diofar shuidheachaidhean ùra seo.

A rèir Magaidh Wentworth, Oifigear Phàrant aig Comann nam Pàrant:

“Tha cuairtean foghlaim uabhasach cudromach ann a bhith a’ leasachadh a’ chànain agus am faireachdainn a tha aig a’ chlann a thaobh na Gàidhlig agus tha seo na chothrom dhaibh a bhith ag ionnsachadh tro chur-seachadan neo-àbhaisteach a tha tlachdmhor agus a tha air falbh bhon sgoil. Cuideachd tha e a’ toirt cothrom dhuinn ìomhaigh na Gàidhlig a thogail ann am prìomh baile na dùthcha.”

Thuirt Mairi Nic Ille Mhaoil, Leasaiche Foghlaim agus Ionnsachadh aig Bòrd na Gàidhlig a tha a’ maoineachadh a’ phròiseact:

“Tha seachdain na Gàidhlig ann an Dùn Èideann a’ toirt sàr chothrom do chloinn tighinn cruinn còmhla gus Gàidhlig a chleachdadh ann an raon de shuidheachaidhean agus cuspairean. Tha cothrom aca cuideachd tachairt ri cloinn eile bho feadh na dùthcha, aig a bheil Gàidhlig. Seallaidh seo dhaibh bho aois òg gu bheil Gàidhlig air a bruidhinn ann an iomadh ceàrnaidh de dh’Alba bho bailtean gu sgìrean iomallach.”

Tha Seachdain nan Sgoiltean air a bhith aig LLRDÈ bho 2002 far am bi lus-eòlaiche tropaigeach Marc Newman, aig a bheil Gàidhlig, a toirt seachad taic saidheansail agus cànain.

Thuirt Cath Evans, Oifigear F'oghlaim aig an leas:

“’S e ar cuspair am bliadhna Craobhan Albannach. Bidh na sgoilearan an lùib craobhan agus lusan dùthchasach, ag ionnsachadh mar a bhios iad gan aithneachadh agus a cur luach anns an iomadachd ann an coilltean Albannach. A' coiseachd mun chuairt an lios, bidh sinn ag ionnsachadh mu phàirtean craoibh agus dè bhios iad a dèanamh. Bidh sinn cuideachd a' coimhead ri cleachdaidhean traidiseanta agus an latha an-diugh de chraobhan agus a chleachdadh cleasan is geamannan gus ar cuideachadh le bhith ag ionnsachadh. Tha sinn 'n dòchas gum falbh na sgoilearan làn misneachd mu lusan agus le tuigsinn air an obair anns a bheil sinn an sàs aig an Lios Luibheach.” 

Facebook

 

Còraichean © 2018 Comann nam Pàrant | Gach còir glèidhte