Cànan - Language

Cuairt-litir

Cuairt Litir

Ar cuairt-litir as ùr 
(cruth PDF)
Geamhradh 2017-18 


  Aithisg Bhliadhnail 2016/17  

Aithisg Bhliadhnail | Annual Report 2016-17

Aithisg Bhliadhnail 2016/17 

 

 

 

 

 

 

 

 

Comhairle do Cheannardan-sgoile gu bheil e nas cudromaiche na bha e a-riamh buannachdan dà-chànanais a thuigsinn agus adhartachadh

Comhairle do Cheannardan-sgoile gu bheil e nas cudromaiche na bha e a-riamh buannachdan dà-chànanais a thuigsinn agus adhartachadh

24/02/2012

Tha e air innse do cheannardan-sgoile na h-Alba gu bheil e nas cudromaiche na bha e a-riamh gum bi iad ag adhartachadh buannachdan dà-chànanais.

Aig co-labhairt ann an Glaschu, an dàrna co-labhairt fo aoigheachd Bhòrd na Gàidhlig, chaidh a ràdh ri ceannardan-sgoile bho air feadh na dùthcha gu bheil dà-chànanas deatamach do shoirbheachadh na Gàidhlig. Dh' innis am prìomh òraidiche aig an tachartas, an t-Àrd-Ollamh Antonella Sorace, Proifeasair ann an Leasachadh Cànanais ann an Oilthigh Dhùn Èdeann, do luchd-frithealaidh na co-labhairt gu bheil mòran bhuannachdan inntinneil ann do chloinn a bhith comasach air dà chànan a labhairt.

Mar ùghdarras air feadh an t-saoghail ann an raon leasachaidh dà-chànanais, thuirt am Proifeasair Sorace gu bheil mòran phàrantan is luchd-teagaisg fhathast a’ creidsinn gum faod dà-chànanas troimh-chèile agus dàil inntleachdail adhbhrachadh ann an cloinn. Ann an da-rìribh, ’s e a bha i ag ràdh,

“Chan eil a leithid sin de chnapan-starra idir ann agus tha rannsachadh a’ dearbhadh gum faodadh a bhith a’ togail chloinne ann an seagh dà-chànanach barrachd bhuannachdan a ghineadh, a thuilleadh air a bhith comasach air dà chànan a labhairt.  Tha dà shiostam cànain san eanchainn ga dè;anamh nas sùbailte: ’s e an t-uidheam a bharrachd a tha a’ ceadachadh do chloinn dà-chànanach a bhith nas èifeachdaiche nuair a tha iad a’ dèiligeadh le suidheachaidhean iomadh-fhillte. Tha clann a tha dà-chànanach a’ leantainn na h-aon phàtranan leanmhainneach agus na h-aon chlachan-mìle ri clann aig nach eil ach aon chànan, agus mar sin chan eil cunnart ann a thaobh troimh-chèile eadar an dà chànan. Tha buannachd aig clann dà-chànanach cuideachd a thaobh ’s gu bheil an tuigse air cànan eile gan dèanamh mothachail aig aois òg gum faod sealladh diofraichte a bhith aig feadhainn eile. Sin nì a dh’fheumas clann air fad ionnsachadh aig àm air choreigin! Mar sin, ma tha cothrom ann air clann a thogail dà-chànanach, bu choir taic a thoirt dhaibh sin a dhèanamh gun teagamh sam bith.”

Thuirt Leasaiche Foghlaim is Ionnsachaidh aig Bòrd na Gàidhlig, Màiri Nic Ille Mhaoil: 

“Tha e nas cudromaiche na bha e a-riamh gum bi luchd-teagaisg ag adhartachadh buannachdan dà-chànanais. Tha suidheachadh na Gàidhlig san àm ri teachd ann an Alba ag iarraidh taic mheudaichte do fhoghlam Gàidhlig aig gach ìre agus anns gach raon, a’ leantainn air adhart gu adhartachadh nas motha agus barrachd taic is leudachaidh. Tha co-labhairtean mar seo an-diugh, agus a’ cho-labhairt ann an Inbhir Nis san Dùbhlachd, cudromach gus mothachadh cheannardan-sgoile a thogail a thaobh buannachdan dà-chànanais is foghlam tro mheadhan na Gàidhlig."

Bidh Riaghaltas na h-Alba a’ foillseachadh Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig 2012-17 a dh’aithghearr, agus bidh Bòrd na Gàidhlig ag obair còmhla ri Riaghaltas na h-Alba, Ùghdarrasan Ionadail agus buidhnean eile gus dèanamh cinnteach à meudachadh bliadhna an dèidh bliadhna anns an àireamh de chloinn a’ clàradh ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, agus mar sin a’ dùblachadh an inntrigidh làithreach bhliadhnail de 400 gu 800 ro 2017. 

Airson tuilleadh fiosfrachadh mu shusbaint na brath naidheachd seo, cuiribh fios gu Steven MacÌomhair, Oifigear Corporra is Conaltraidh aig Bò na Gàidhlig, air post-d gu Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn. no fòn-làimhe: 07557 481 081

Tha na leanas saor airson agallamh:

Màiri Nic Ille Mhaoil, Leasaiche Foghlaim is Ionnsachaidh aig Bòrd na Gàidhlig. Fòn-làimhe: 07500 099 395

 

Facebook

 

Còraichean © 2018 Comann nam Pàrant | Gach còir glèidhte