Cànan - Language

Cuairt-litir

Cuairt Litir

Ar cuairt-litir as ùr 
(cruth PDF)
Samhradh 2017 


  Aithisg Bhliadhnail 2016/17  

Aithisg Bhliadhnail | Annual Report 2016-17

Aithisg Bhliadhnail 2016/17 

 

 

 

 

 

 

 

 

Sgoiltean Gàidhlig cruinn còmhla ann an Dùn Èideann

24/04/13

Edinburgh School Week / Seachd De

Thig faisg air 250 neach-cloinne bho air feadh Alba do phrìomh bhaile na dùthcha an t-seachdain seo a fhrithealadh an deicheamh seachdain Ghàidhlig airson sgoiltean a tha air a chur air dòigh le Comann nam Pàrant (Nàiseanta).  Am bliadhna tha an tachartas a’ gabhail a-steach tursan aig Pàirc an Ròid, An Taigh Tasgaidh Nàiseanta, Caisteil Dhùn Èideann agus Our Dynamic Earth.

Bha sgoilearan à àiteachan cho fad air falbh ri Lochcarron, na Hearadh, Drochaid a’ Bhanna, Baile Dhubhaich agus Inbhir Nis a bharrachd air sgoiltean ann an mheadhan na dùthaich a’ faighinn buannachd às an sgeama ùr-ghnàthaichte seo a tha a’ toirt Gàidhlig a-mach às a’ chlas le na diofar shuidheachaidhean seo.  

A rèir Magaidh Wentworth, Oifigear Phàrant aig Comann nam Pàrant:  

“Tha cuairtean foghlaim uabhasach cudromach ann a bhith a’  leasachadh a’ chànain agus am faireachdainn a tha aig a’ chlann a thaobh na Gàidhlig agus tha seo na chothrom dhaibh a bhith ag ionnsachadh tro chur-seachadan a tha a’ toirt taic don churraicealam a tha tlachdmhor agus air falbh bhon  sgoil. Cuideachd tha e a’ toirt cothrom dhuinn ìomhaigh na Gàidhlig a thogail ann am prìomh bhaile na dùthcha.”

Thuirt Màiri Nic Ille Mhaoil, Leasaiche Foghlaim agus Ionnsachadh aig Bòrd na Gàidhlig a tha a’ maoineachadh a’ phròiseact:

“Tha seachdain na Gàidhlig ann an Dùn Èideann a’ toirt sàr chothrom do chloinn tighinn cruinn còmhla gus Gàidhlig a chleachdadh ann an raon de shuidheachaidhean agus cuspairean.  Tha cothrom aca cuideachd tachairt ri cloinn eile bho feadh na dùthcha,  aig a bheil Gàidhlig.  Seallaidh seo dhaibh bho aois òg gu bheil Gàidhlig air a bruidhinn ann an iomadh ceàrnaidh de dh’Alba bho bailtean gu sgìrean iomallach.

 

Facebook

 

Còraichean © 2018 Comann nam Pàrant | Gach còir glèidhte