Comann nam Pàrant (Nàiseanta) ag ainmeachadh Cathraiche ùr

31/05/13

Às dèidh Coinneamh Bhliadhnail a chumadh air 18 Cèitean, chaidh pàrant à Dùn Èideann, Bob McGowan, ainmeachadh mar Chathraiche air a’ chomataidh nàiseanta aig Comann nam Pàrant. Tha Bob, aig a bheil nighean a bhios am measg na sgoilearan ùra a bhios a’ tòiseachadh san sgoil ùr ann am Bonnington as t-samhradh, a’ gabhail thairis dreuchd a’ Chathraiche bho Dawn Morgan à Inbhir Nis. A’ bruidhinn air an dreuchd ùr aige, thuirt Bob:

“Tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair gu dlùth le na buill eile air CnP(N) agus le na buidhnean eile air feadh na dùthcha anns a’ bhliadhna a tha romhainn, bliadhna anns a bheil sinn an dòchas leasachaidhean fhaicinn a thaobh stiùireadh nàiseanta airson foghlam meadhan Gàidhlig agus còirichean phàrant airson foghlam meadhan Gàidhlig. Tha mi air leth toilichte gum bi an sgoil againn ann an Dùn Èideann a’ fosgladh am bliadhna agus tha mi làn dòchas gum faicear piseach a’ tighinn air sgoiltean ùra ann an sgìrean eile cuideachd. Bu mhath leam taing a thoirt dhan Chathraiche a tha a leigeil dhith a dreuchd, airson cho dealasach sa bha i a thaobh Comann nam Pàrant thairis air iomadh bliadhna, agus tha sinn toilichte gum bi i a’ cumail a’ dol mar bhall dhen chomataidh. Bu mhath leam còmhraidhean a chumail air ciamar a b’ urrainnear barrachd aire a tharraing gu Comann nam Pàrant agus barrachd phàrantan a thàladh gu bhith a’ dol an lùib nam buidhnean, aig ìre ionadail agus nàiseanta.”

Tha Comann nam Pàrant cuideachd air leth toilichte leis an naidheachd gu bheil iad am measg nam buidhnean a tha gu bhith a’ faighinn maoineachadh tron Mhaoin Com-pàirteachas Ro-innleachdail aig Riaghaltas na h-Alba, a bheir dhuinn an cothrom cumail a’ dol le taic airson an roinn Tràth Bhliadhnachan Gàidhlig. Thuirt Magaidh Wentworth, an t-Oifigear Phàrant aig Comann nam Pàrant:

“Tha sinn toilichte an cothrom seo fhaighinn airson obrachadh còmhla ris an Riaghaltas ann a bhith a’ lìbhrigeadh na builean nàiseanta aca a thaobh clann is teaghlaichean. Tha am maoineachadh seo, a thèid a sgaoileadh ann an co-bhonn ri Bòrd na Gàidhlig, airson taic a thoirt do bhuidhnean tràth bhliadhnachan sa Ghàidhlig, buidhnean a tha deatamach ma tha sinn gu bhith a’ ruighinn nan targaidean a chaidh a chur romhainn sa Phlana Nàiseanta airson Gàidhlig a thaobh fàs ann am foghlam meadhan Gàidhlig. Tha na buidhnean seo fosgailte do theaghlaichean sam bith a tha airson ’s gum bi Gàidhlig aig an cuid chloinne agus gum bi iad a’ faighinn nam buannachdan bho bhith fileanta ann an dàrna cànan.”