Cànan - Language

Cuairt-litir

Cuairt Litir

Ar cuairt-litir as ùr 
(cruth PDF)
Geamhradh 2017-18 


  Aithisg Bhliadhnail 2017/18  

Aithisg Bhliadhnail | Annual Report 2017-18

Aithisg Bhliadhnail 2017/18 

 

 

 

 

 

 

 

 

Rannsachadh ùr ga fhoillseachadh a’ comharrachadh 25 bliadhna de dh’fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig

17/11/10

Thèid toraidhean aithisg sgrùdaidh farsaing air roghainn agus ruigsinneachd ann am Foghlam tron Gàidhlig (FtG) fhoillseachadh aig co-labhairt ann an Dùn Èideann Diciadain (17mh), nuair a thèid an t-slighe air adhart do dh’fhoghlam Gàidhlig a chur fon phrosbaig.

Tha geàrr iomaradh den aithisg an seo agus an aithisg fhèin an seo, an dà chuid ann an cruth PDF.

Tha a’ cho-labhairt ga cur air dòigh an dèidh 25 bliadhna de dh’fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig le Iris Taigh an Ròid, agus am measg na bhios an làthair le òraidean bidh Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlam agus Ionnsachadh fad-Beatha, Mìcheal Ruiseal, a lìbhrigeas a’ phrìomh òraid.

Thuirt am Ministear:

“Tha a’ Ghàidhlig na pàirt chudromach de chultar agus dualchas na h-Alba. Sin as adhbhar gu bheil an Riaghaltas seo gu buileach taiceil do na h-oidhirpean gus àireamhan an luchd-cleachdaidh fhàs, agus a’ dèanamh nas urrainn dhuinn airson ginealach ùr a chruthachadh.

“Tha pàirt deatamach aig foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an leasachadh a’ chànain agus tha e na thoileachas dhomh gun do dhearbh an rannsachadh seo gu bheil clann a tha a’ dol tro fhoghlam na Gàidhlig a’ dèanamh a’ cheart cho math, no nas fheàrr na an comhaoisean.

“Tha mi air tadhal air sgoiltean Gàidhlig agus aonadan air feadh Alba agus air dearbhadh dhomh fhìn cho sònraichte ’s a tha àrainneachd an ionnsachaidh. Bidh an Curraicealaim airson Sàr-Mhathais na bhuannachd do sgoiltean Gàidhlig, agus do sgoiltean eile na dùthcha le bhith a’ beothachadh an fhoghlaim agus ga thoirt air adhart leis a’ chloinn fhèin.

“Tha mi air mo mhisneachadh leis an fhàs ann am foghlam Gàidhlig anns na bliadhnaichean a th’ air a dhol seachad agus tha mi an dòchas gur e slighe a tha sin a mhaireas – gu dearbh, bu chòir gun toireadh an aithisg seo fois-inntinn do phàrantan nach eil ann ach buannachd dhaibh a bhith a’ roghnachadh leithid de chlàr foghlaim dhan cuid chloinne.”

Bidh a’ cho-labhairt a’ cluinntinn mu lèirsinn Riaghaltas na h-Alba agus Bhòrd na Gàidhlig a thaobh foghlam tron Ghàidhlig; a’ conaltradh agus a‘ deasbad mu rannsachadh ùr a thaobh ruigsinneachd, roghainn agus leantalachd ann am foghlam tron Ghàidhlig; ag ionnsachadh mu na leasachaidhean as ùire ann am maoineachadh, solar agus liubhairt; a’ comharrachadh nan ceumannan a dh’fheumar gus crìonadh sa Ghàidhlig a thilleadh.

Thèid toraidhean an rannsachaidh, a chaidh a dhèanamh le Wilson MacLeòid, Fiona O‘ Hanlon agus Lindsay Paterson bho Oilthigh Dhùn Èideann fhoillseachadh agus a dheasbad aig a’ cho-labhairt. Bhathas a‘ coimhead air na bh’ air cùl mar a bha pàrantan a‘ taghadh an cuid chloinne a chur gu foghlam Beurla no Gàidhlig, agus buaidh FtG air coileanadh chloinne.

Airson roghainnean a rannsachadh, chaidh ochd bun-sgoiltean is àrd-sgoiltean ceangailte a thaghadh, a‘ riochdachadh gach co-theacs foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air feadh na h-Alba. Chaidh agallamhan a chumail le ceannardan, oifigearan comhairleachaidh chomhairlean (22 uile gu lèir) agus 55 pàrant chloinne aig ìre bun-sgoil 7 no Àrd-sgoil 2 tro mheadhan na Gàidhlig, agus 30 pàrant le clann aig ìre bun-sgoil 7 no Àrd-sgoil 2 tron Bheurla.

Chaidh ìrean ruigsinneachd chloinne a mheasadh air dà rannsachadh a chaidh a dhèanamh le luchd staitistig Riaghaltas na h-Alba airson 2007: Sgrùdadh Ruigsinneachd na h-Alba agus Sgrùdadh Foghlam na Gàidhlig, a thug a-steach 300 duine cloinne ann am foghlam Gàidhlig agus còrr is 15,000 duine cloinne ann am foghlam àbhaisteach tron Bheurla. Leig seo leis an luchd-rannsachaidh ruigsinneachd chloinne ann am foghlam Gàidhlig a cho-mheasadh ri ruigsinneachd trì buidhnean ann am foghlam àbhaisteach tron Bheurla – gu nàiseanta, anns na h-aon sgoiltean ri clann a’ dol tro FtG agus buidheann eile a chaidh a chothromachadh le buidheann chloinne ann am FtG a thaobh gnè, inbhe eaconamach agus sgìre ùghdarrais ionadail.

Tha an aithisg a’ nochdadh gu bheil sgoilearan ann am FtG a' dèanamh nas fheàrr na an comhaoisean ann am foghlam Beurla ann an leithid leughadh tron Bheurla agus co-dhiù a‘ cheart cho math ann an leithid saidheans, matamataig agus sgrìobhadh ann am Beurla. Leis an sin, tha iad ag ionnsachadh cànan a bharrachd gun a bhith air an cumail air ais ann an raointean eile den cuid foghlaim.

Tha an rannsachadh cuideachd a’ sealltainn gum bi daoine a’ roghnachadh FtG don cuid chloinne gus cothrom fhaotainn air dà-chànanas airson buannachdan ionnsachaidh is sgilean ùra cànain, agus cuideachd air sgàth luach cultarach a’ chànain mar phàirt de an dualchas teaghlaich, an dualchas coimhearsnachd, no de an dualchas nàiseanta.

Thuirt Art MacCarmaig, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig:

“Tha an rannsachadh seo a’ dearbhadh às ùr gu bheil foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a’ soirbheachadh dhan chloinn agus a chum math na Gàidhlig anns an fharsaingeachd. Tha clann le Gàidhlig aig a‘ char as lugha cho ruigsinneach ri an comhaoisean tro fhoghlam na Beurla anns a’ mhòr-chuid de shuidheachaidhean. Tha cothroman nas fheàrr aig clann a tha gan oideachadh anns a’ Ghàidhlig seach gu bheil iad ag ionnsachadh ann an dà chànan; tha ìre ruigsinneachd air leth aca agus tha iad fosgailte is deiseil airson a dhol an sàs ann am farsaingeachd cultar na h-Alba.

“Ann an seagh nas fharsainge, nam bheachd fhìn tha foghlam tron Ghàidhlig a’ tairgsinn samhla gun choimeas air an Curraicealam airson Sàr-Mhathais a lìbhrigeadh, agus foghlam Gàidhlig a’ snìomh teagasg foirmeil anns an sgoil ri àrainneachd is beatha chloinne san t-saoghal mhòr. Bidh seo a’ tachairt le muinntir na coimhearsnachd aig a bheil Gàidhlig a’ cuideachadh ann an sgoiltean, agus luchd-malairt le Gàidhlig a’ cuideachadh ann an raointean eaconamach. Bidh a’ chlann-sgoile fhèin cuideachd an sàs ann an gnothaichean cultarail gu cunbhalach, a bharrachd air a bhith an sàs ann an spòrs tro mheadhan na Gàidhlig.”

Tha amasan dòchasach aig Bòrd na Gàidhlig fàs de 15% a bhuinnig ann an àireamhan de sgoilearan a’ tòiseachadh air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Bidh seo am feum taic gu math làidir anns na tràth bhliadhnaichean. Bidh feum air co-bhanntachdan gu math làidir le ùghdarrasan ionadail a thaobh a bhith a’ lìbhrigeadh seirbheisean foghlaim. Agus feumaidh sinn pàrantan a bhrosnachadh agus a mhisneachadh chun a’ bharail gu bheil foghlam Gàidhlig math dhan cuid chloinne, agus gu bheil taic ann dhaibh. Tha barrachd innleachdan againn a-nis a bu chòir a bhith nan cobhair is nam faothachadh do phàrantan ma tha iomnaidh orra nach urrainn dhaibh taic a chumail rin cuid chloinne. Bidh sinn an dòchas gum misnich leithid an rannsachaidh seo barrachd phàrantan gus foghlam Gàidhlig a roghnachadh dhan cuid chloinne.”

Am measg an fheadhainn eile a bhios a’ lìubhairt òraidean air an latha, tha an t-Àrd- Ollamh Antonella Sorace bho Oilthigh Dhùn Èideann a tha gu bhith a’ bruidhinn mu na buannachdan a tha ann an dà-chànanas; Seonag NicFhionghain, Stiùiriche Foghlaim Chomhairle nan Eilean Siar agus Donalda NicComb, Ceannard Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu.

Bidh seiseanan ann feasgar far an tèid cinn-teagaisg fa leth a dheasbad leithid foghlam ro-sgoile, bun-sgoile, àrd-sgoile agus foghlam aig àrd-ìre, rannsachadh agus trusadh luchd-teagaisg. Bidh seisean ann cuideachd air an rannsachadh ùr a tha ga fhoillseachadh air an latha, le cothroman air an luchd-rannsachaidh a cheasnachadh.

Thuirt neach-labhairt bho Iris Taigh an Ròid:

“Suidhichte mu choinneamh cùl-raon de ghearraidhean sa bhuidseat, iarrtas a’ crìonadh ann an cuid de dh’ ùghdarrasan agus mòran iarrtais ann am feadhainn eile, agus deasbad mu mheud chlasaichean ann an sgoiltean Gàidhlig, tha dearbhadh na slighe air adhart do FtG na obair ioma-fhillte aig a bheil feum air deasbaireachd fhosgailte le cur-a-steach bho gach neach a tha an sàs ann – luchd-cumaidh phoileasaidhean, luchd-teagaisg agus ceannardan sgoile, ùghdarrasan ionadail, buidhnean le dleastanas gus àrdachadh agus taic a thoirt don Ghàidhlig agus do phàrantan le ùidh ann am foghlam Gàidhlig.”

Bidh a’ cho-labhairt, air a stiùireadh le Iain Moireasdan bho McGarvie Morrison Media, a’ tòiseachadh aig 08.45 le clàradh.

Facebook

 

Còraichean © 2018 Comann nam Pàrant | Gach còir glèidhte