Cànan - Language

Cuairt-litir

Cuairt Litir

Ar cuairt-litir as ùr 
(cruth PDF)
Geamhradh 2017-18 


  Aithisg Bhliadhnail 2016/17  

Aithisg Bhliadhnail | Annual Report 2016-17

Aithisg Bhliadhnail 2016/17 

 

 

 

 

 

 

 

 

Coinneamh Bhliadhnail Comann nam Pàrant (Nàiseanta) 2008

14/05/08

Thàinig pàrantan à diofar sgìrean ann an Alba còmhla anns a’ Ghearasdan air 9 Cèitean airson coinneamh bhliadhnail Comann nam Pàrant (Nàiseanta), far an chuala iad mu dheidhinn soirbheachas na sgoiltean Ghàidhlig ann an Glaschu agus Inbhir Nis agus mu dheidhinn an iomairt anns An Gearasdan airson sgoil Ghàidhlig.

Às dèidh na coinneimh fhoirmeil, thug Donalda NicThom, Ceannard, Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu seachad òraid inntinneach air a’ chuspair, ‘An dè, an diugh is a-màireach. Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu’.

Às dèidh sin bha cothrom ceistean a chur air phannal air an robh Donaidh Dòmhnallach, Ceannard Seirbheisean Foghlam aig Comhairle na Gàidhealtachd agus Coinneach Moireach, Ceannard Bòrd na Gàidhlig a bharrachd air Donalda.

As dèidh na coinneimh thuirt Coinneach Moireach, “Bha e na thoileachadh do Bhòrd na Gàidhlig coinneachadh ri Comann nam Pàrant (Nàiseanta) agus tha sinn taiceil dha na còmhraidhean misneachail a tha a' gabhail àite eadar riochdairean choimhearsnachdan ionadail agus Comhairle na Gàidhealtachd air solar sgoiltean Gàidhlig.

“Tha am Bòrd fìor dheònach taic a chumail ri fàs foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, agus nì sinn ar n’ uile dhìcheall adhartas agus leasachaidhean a chuideachadh agus a bhrosnachadh air feadh na h-Alba.”

Thuirt Dawn Morgan, neach-cathrach ùr Comann nam Pàrant (Nàiseanta), “Tha e an-còmhnaidh math a bhith a' cluinntinn mun adhartas iongantach ga dhèanamh aig a h-uile ìre de dh'fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu. Tha sinn an dòchas an aon rud fhaicinn ann am Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis a dh'fhosgail am-bliadhna agus tro ùine ann an sgoiltean Gàidhlig air feadh na h-Alba. 'S ann tro lèirsinn agus dealas nam pàrantan a thàinig na sgoiltean Gàidhlig ann an Glaschu agus Inbhir Nis am bith. Tha e gu math brosnachail a bhith a' cluinntinn mu ùidh ann an sgoiltean fa leth ag èirigh ann am buidhnean Chomann nam Pàrant air feadh Alba, leithid an iomairt anns a' Ghearasdain. Tha sinn a' guidhe gach soirbheachas dhaibh uile agus a' tabhann ar làn-thaic orra.

“Cho math ri bhith a' cur ris an iarrtais agus a' coimhead airson cothroman leudachaidh tro sgoiltean Gàidhlig, leanaidh sinn oirnn leasachadh ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig ìre na h-àrdsgoile a shireadh agus tha sinn cuideachd an dòchas aire dhaoine tharraing gu foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus àireamhan sgoilearan àrdachadh tro lionradh de phàrantan.

"Bu mhath leinn taing a thoirt do Bhòrd na Gàidhlig agus gu Comunn na Gàidhlig airson an taic a-rithist am-bliadhna. Bu mhath leinn cuideachd taing a thoirt dhan a h-uile duine - pàrantan, tidsearan, luchd-taic - a tha an sàs ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus a tha ag obair gu cruaidh airson a dhèanamh cho soirbheachail.”

 

Facebook

 

Còraichean © 2018 Comann nam Pàrant | Gach còir glèidhte