Cànan - Language

Cuairt-litir

Cuairt Litir

Ar cuairt-litir as ùr 
(cruth PDF)
Geamhradh 2017-18 


  Aithisg Bhliadhnail 2016/17  

Aithisg Bhliadhnail | Annual Report 2016-17

Aithisg Bhliadhnail 2016/17 

 

 

 

 

 

 

 

 

Sgoiltean Gàidhlig cruinn còmhla ann an Dùn Èideann 2008

22/07/08

Thàinig mu thimcheall 200 neach-cloinne bho air feadh Alba do phrìomh bhaile na dùthcha anns a’ Ghiblean a fhrithealadh an còigeamh seachdain Ghàidhlig airson sgoiltean a tha air a chur air dòigh le Comann nam Pàrant ann an co-bhonn le Comunn na Gàidhlig. Am bliadhna bha an tachartas a’ gabhail a-steach tursan aig An Lios Luibheach Rìoghail, An Gaileiridh Nàiseanta, Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba agus Our Dynamic Earth.

Fhuair sgoilearan ann an Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig à feadh Alba cothrom pàirt a ghabhail anns an sgeama seo a tha a’ toirt Gàidhlig a-mach às a’ chlas le na diofar shuidheachaidhean ùra seo.

Mhìnich Magaidh Wentworth bho Chomann nam Pàrant:

“Tha cuairtean foghlaim uabhasach cudromach ann a bhith a’ leasachadh a’ chànain agus am faireachdainn a tha aig a’ chloinn a thaobh na Gàidhlig agus tha seo na chothrom dhaibh a bhith ag ionnsachadh tro chur-seachadan a tha tlachdmhor agus a tha air falbh bhon sgoil.

Am bliadhna airson a’ chiad turas bha cothrom againn bùithnean-obrach a chur air bhonn aig an Gaileiridh Nàiseanta far an d’ fhuair a’ chlann stiùireadh bho neach-ealain aig a bheil Gàidhlig, Liondsaidh Chaimbeul, agus cuideachd a’ dol timcheall pàirt den Gaileiridh le neach-obrach aig Comunn na Gàidhlig, Sìne NicIlleathain.

Tha sinn an dòchas cumail oirnn a’ cur ris an àireamh agus diofair seòrsaichean cur-seachadan a bhios a’ toirt taic don churraicealam agus na h-aon chothroman a thoirt do chlann ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a tha aig clann ann am foghlam Beurla.

A bharrachd air buannachdan foghlaim don chlann tha an t-seachdain Ghàidhlig a’ togail ìomhaigh na Gàidhlig ann am prìomh baile na dùthcha le buidhnean chloinne a’ dol timcheall na àiteachan cudromach seo anns a’ bhaile a’ cleachdadh Gàidhlig nam measg fhèin agus le na tidsearan agus an luchd-stiùiridh aca."

Seachdain De 2008 Seachdain De 2008 



 

 

 

 

 

Facebook

 

Còraichean © 2018 Comann nam Pàrant | Gach còir glèidhte