Seachdain Gàidhlig airson teaghlaichean ann an Leòdhas 2008

13/08/08

Thàinig teaghlaichean à Dùn Èideann, Baile Dhubhaich, Drochaid a’ Bhanna, An Gearasdan agus Apainn a Leòdhas airson pàirt a’ gàbhail anns an t-seachdain Gàidhlig a chur Comann nam Pàrant agus Comunn na Gàidhlig air bhonn an t-seachdain a’ tòiseachadh 28 Iuchar.

Tron t-seachdain bha pàrantan aig clasaichean Ùlpan fhads a bha a’ chlann aig Fèis Eilean an Fhraoich ann an Steòrnabhagh.

Thuirt Magaidh Wentworth, Oifigear Phàrant airson Comann nam Pàrant,

“’S e seo an treas seachdain Gàidhlig airson teaghlaichean a tha sinn air a chur air bhonn ann an Leòdhas ach a’ chiad turas a bha e comasach dhuinn cothrom a thoirt do phàrantan Ùlpan fheuchainn. Tha Della NicAoidh ag obair pàirt-ùine do Chomunn na Gàidhlig ann an Inbhir Nis agus tha teisteanas aice fhèin agus aig an duine aice, Iain, ann a bhith teagasg cùrsa Ùlpan. Bha sinn fortanach gun robh e comasach dhan dithis aca a bhith teagasg na pàrantan tron t-seachdain.

Fhuair na pàrantan dà leasan gach latha a thug cothrom dhaibh tòiseachadh math fhaighinn ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig agus sealladh fhaighinn air na tha an luib cùrsa Ùlpan.

Tha e na chùis misneachd gun robh na pàrantan uile airson togail air cùrsa na seachdain agus an dòchas cothrom fhaighinn a bhith leantainn le Ùlpan anns na sgìrean aca fhèin.”

Cha robh an t-seachdain na obair chruaidh a-mhàin, bha teaghlaichean aig tachartasan aig an Fhèis a bharrachd air ceilidh aig Ionad Stoodie anns An Rubha far an d’fhuair iad fèisteas bhon chlann aca fhèin agus luchd-ciùil ionadail a thàinig a chluich dhuinn.

Beachdan a fhuair sinn bho phàrantan aig deireadh na seachdain:

Ùlpan is very good at developing spoken Gaelic – something that is usually very poorly done on other courses – so it is an excellent complement.

The Gaelic classes have been intense but great fun. Ian is a brilliant teacher with great energy and enthusiasm which has kept us all going when we’ve been tired.

What a great way of learning. Our tutors were the best. I would attend an Ùlpan class as soon as one starts in my area.

Great fun, fantastic set up / organisation.

Has surpassed my expectations, I have really enjoyed the course and feel at last I have gained a good basic grasp of the language.

It has taken away my fear of learning Gaelic and increased my confidence.

The children have also really enjoyed the experience of attending the Fèis.

Fhuair Comann nam Pàrant maoineachadh bho Bhòrd na Gàidhlig airson an t-seachdain ionnsachaidh seo airson teaghlaichean le chlann ann an foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Leodhais 2008