Cànan - Language

Cuairt-litir

Cuairt Litir

Ar cuairt-litir as ùr 
(cruth PDF)
Geamhradh 2017-18 


  Aithisg Bhliadhnail 2017/18  

Aithisg Bhliadhnail | Annual Report 2017-18

Aithisg Bhliadhnail 2017/18 

 

 

 

 

 

 

 

 

Co-labhairt Nàiseanta Phàrant

Comann nam Pàrant (Nàiseanta) agus Bòrd na Gàidhlig

13/01/09

CO-LABHAIRT NÀISEANTA PHÀRANT

NEART NAM PÀRANT

TAIGH-ÒSTA DHRUIM AITHISIDH, INBHIR NIS

DISATHAIRNE 21 MÀRT 2009

10m – 4f

Bidh Crèche ann

Tha Comann nam Pàrant (Nàiseanta), ann an co-bhonn ri Bòrd na Gàidhlig, a’ cur air dòigh Co-labhairt Nàiseanta anns a’ Mhàrt 2009. Thèid prògram foirmeil a chuairteachadh nas fhaisge air an àm.

Comharraichidh a’ cho-labhairt na dòighean obrach nas fheàrr ann an foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus tha CnP(N) an dòchas gum bi àireamh mhath de phàrantan an làthair airson ionnsachadh bho cach a chèile agus airson beachdachadh air cuspairean cudromach, leithid – sgoiltean Gàidhlig, cùram chloinne Gàidhlig, neartachadh is leasachadh roinnean Gàidhlig, foghlam àrd-sgoil is msaa.

Tha cùram-cloinne ga thabhann tro mheadhan na Gàidhlig fad an latha airson chlann 3–12 bliadhna. Bidh seo ann am Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis agus cosgaidh e £5 gach neach cloinne.

Ma tha tuilleadh fiosrachaidh a dhìth oirbh neo foirm clàraidh, chan eil agaibh ach fònadh gu 01463 234138 neo cur fios gu Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.

Magaidh Wentworth
Oifigear Phàrant

 

Facebook

 

Còraichean © 2018 Comann nam Pàrant | Gach còir glèidhte