Cànan - Language

Cuairt-litir

Cuairt Litir

Ar cuairt-litir as ùr 
(cruth PDF)
Geamhradh 2017-18 


  Aithisg Bhliadhnail 2016/17  

Aithisg Bhliadhnail | Annual Report 2016-17

Aithisg Bhliadhnail 2016/17 

 

 

 

 

 

 

 

 

Sgoiltean Ghàidhlig Cruinn Còmhla ann an Dùn Èideann 2009

06/05/09

Sechdain De 2009Bha faisg air 300 neach-cloinne bho air feadh Alba a’ tighinn do phrìomh bhaile na dùthcha an t-seachdain seo a fhrithealadh an t-siathamh seachdain Ghàidhlig airson sgoiltean a tha air a chur air dòigh le Comann nam Pàrant le taic bho Comunn na Gàidhlig agus Fèisean na Gàidheal. Am bliadhna, bha an tachartas a’ gabhail a-steach tursan aig An Lios Luibheach Rìoghail, An Gaileiridh Nàiseanta, An Taigh Tasgaidh Nàiseanta agus Our Dynamic Earth.

Bha sgoilearan à àiteachan cho fad air falbh ri Leòdhas, Tiriodh, Òban, Ulapul, Baile Dhubhaich agus Inbhir Nis a bharrachd air sgoiltean ann an mheadhan na duthaich a’ faighinn buannachd às an sgeama ùr-ghnàthaichte seo a tha a’ toirt Gàidhlig a-mach às a’ chlas le na diofar shuidheachaidhean ùra seo.

A rèir Magaidh Wentworth, Oifigear Phàrant aig Comann nam Pàrant:

“Tha cuairtean foghlaim uabhasach cudromach ann a bhith a’ leasachadh a’ chànain agus am faireachdainn a tha aig a’ chlann a thaobh na Gàidhlig agus tha seo na chothrom dhaibh a bhith ag ionnsachadh tro chur-seachadan neo-àbhaisteach a tha tlachdmhor agus a tha air falbh bhon sgoil. Cuideachd tha e a’ toirt cothrom dhuinn ìomhaigh na Gàidhlig a thogail ann am prìomh baile na dùthcha. Tha mi taingeil do Bhòrd na Gàidhlig, Comunn na Gàdlig agus Fèisean nan Gàidheal airson an taic leis an turas.”

Thuirt Rosemary Nic a’ Bhàird a tha na Ceannard an Gnìomh aig Bòrd na Gàidhlig, a tha a’ maoineachadh a’ phròiseact seo:

“Tha an tachartas bhliadhnail seo a’ toirt fìor dheagh chothroim do chloinn ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig bho air feadh Alba tighinn còmhla sa bhaile mhòr agus tlachd fhaighinn às an turas foghlam gu Dùn Èideann. Aig a’ cheart àm tha iad a’ cur eòlas air càch a chèile agus a’ dèanamh caraidean ùra agus a’ cur a’ chànain gu feum ann an suidheachadh is àrainneachd dhòigheil.”

Facebook

 

Còraichean © 2018 Comann nam Pàrant | Gach còir glèidhte