Rannsachadh a’ sealltainn buannachdan foghlam tro mheadhan na Gaeilge
30/06/09
Chaidh rannsachadh a dhèanamh le an dotairean Judith Wylie agus Gerry Mulhernm, Roinn Eòlas-inntinn aig Oilthigh na Bànrighinn, Béal Feirste. Tha e a’ sealltainn gu bheil buannachdan eanchainn aig clann a tha frithealadh sgoiltean tro mheadhan na Gaeilge. ‘S e seo a’ chiad rannsachadh den t-seòrsa ann am foghlam tro mheadhan na Gaeilge agus tha e air a bhith coimhead air mar a tha clann aois bun-sgoile cuimhneachadh rudan bho chionn ghoirid agus anns a’ ‘chuimhne obrach’ aca.
Mhìnich An Dtr Wylie “Tha cuimhneachadh rudan bho chionn ghoirid agus ‘cuimhne obrach’ air leth cudromach anns a h-uile seòrsa ionnsachadh agus gu dearbh rudan làitheil leithid leughadh, reusanachadh agus àireamhachd. A’ cleachdadh measaidhean coitcheann air cuimhne labhairt agus lèirsinneach bha ar rannsachadh a dèanamh comas eadar clann ann am foghlam tro mheadhan na Gaeilge agus foghlam Beurla a-mhàin ann an Èirinn a Tuath.
Sheall na toraidhean gu bheil clann a tha frithealadh sgoiltean tro mheadhan na Gaeilge a’ dèanamh nas fheàrr na an fheadhainn tro mheadhan na Beurla. Anns a’ chumantas bha clann 8 agus 10 bliadhna a dh’aois ann an foghlam tro mheadhan na Gaeilge dèanamh nas fheàrr na an co-aoisean aig sgoiltean Bheurla. Ach an rud as inntinniche ‘s e gu bheil clann 8 bliadhna a dh’aois dèanamh cheart cho math, agus aig amannan nas fheàrr, na clann 10 bliadhna a dh’aois foghlaimichte tron Bheurla.
Chur An Dtr Réamaí Mathers bho Iontaobhas na Gaelscolaíochta fàilte air an naidheachd;
“Tha an rannsachadh ùr seo a’ cur ris an fhianais dhearbhte nach e a-mhàin buannachdan dà chànanais a th’ aig clann ann am foghlam tro mheadhan na Gaeilge ach buannachdan a thaobh foghlam gu lèir. Nas tràithe air a’ bhliadhna sheall measaidhean ann an clas bun-sgoil 7 air Beurla agus matamataig gu bheil soirbheachas na trì bliadhna a dh’fhalbh ann am foghlam tro meadhan na Gaeilge nas àirde na an cumantas ann an Èirinn a Tuath. ‘S e tha an rannsachadh a’ sealltainn ach na dòighean anns a bheil clann foghlam tro mheadhan na Gaeilge dèanamh nas fheàrr an taca ri sgoiltean Beurla a tha nas cumanta.”
Lean an Dtr Mathers;
“Tha an rannsachadh na mholadh air ar sgoiltean chan e a-mhàin air mar a tha iad a’ leasachadh an cànan dùthchasach againn ach, air sgàth na dòighean eanchainn ann an dà-chànanais, an t-àite aca mar sàr ionadan foghlaim. Tha foghlam tro mheadhan na Gaeilge a’ toirt na toraidhean as àirde do chlann. Tha seo cho follaiseach a rèir foghlam agus gu bheil an argamaid airson barrachd taic aig ìre sgoil-àraich, bun-sgoil agus às dèidh na bun sgoil nas treasa na bha i a-riamh.”