Comann nam Pàrant
Tha mu 30 buidheann Comann nam Pàrant (CnP) air feadh Alba, a’ riochdachadh phàrantan aig a bheil clann a tha a’ faighinn foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig diofar ìrean, bho chròileagan gu àrd-sgoil. ’S e prìomh amas gach buidheann "a bhith a’ cur air adhart agus a’ toirt taice do stèidheachadh is cumail suas foghlam tro mheadhan na Gàidhlig". ’S ann air sàillibh strì phàrantan a thòisich foghlam tro mheadhan na Gàidhlig (FTMG) ann an 1985. Feumaidh taic nam pàrant leantainn ma tha tuilleadh adhartais a’ dol a thighinn air an t-siostam foghlaim seo.
’S e an dearbhadh as fheàrr a tha againn air an dòigh-teagaisg seo, gu bheil e a’ sìor fhàs mar a tha barrachd is barrachd phàrantan ga iarraidh. Tha na pàrantan ga iarraidh a chionn ’s gu bheil a’ soirbheachadh leis.
’S e amas FTMG, tro stiùireadh nàiseanta an riaghaltais, a bhith a’ toirt cloinne air adhart gu bhith cho fileanta ann an Gàidhlig agus ann am Beurla mus crìochnaich iad sa bhun-sgoil. Tha an siostam foghlaim fosgailte do na h-uile neach agus ri fhaighinn ann an 60 bun-sgoil air feadh Alba. Tha FTMG cuideachd a’ leudachadh dhan àrd-sgoil ri linn ’s cho soirbheachail ’s a tha e air a bhith aig ìre fo-aois-sgoile agus ìre bun-sgoile. Tha a’ mhòr-chuid de chloinn a tha ann an FTMG a’ tighinn à dachaighean far nach eil a’ Ghaidhlig ga cleachdadh.
Comann nam Pàrant aig Ìre Ionadail
- Tha buidhnean CnP air am meas cudromach airson iomadach adhbhar:
- Tha iad a’ toirt phàrantan aig am bheil clann ann am FTMG còmhla airson bruidhinn air cuspairean a tha toirt buaidh air foghlam an cuid-chloinne aig a h-uile ìre
- ’S urrainn do CnP taic a thoirt don sgoil, ag obair ann an co-bhonn ri Comhairlean Phàrant
- ’S urrainn do luchd-dreuchd a’ Chomataidh bruidhinn às leth nam pàrantan le ùghdarras. ’S fheàrr le Comhairlean, sgoiltean agus buidhnean eile a bhith a’ dèiligeadh ri riochdairean an àite iomadach duine fa leth
- Le bonn-stèidh, faodaidh CnP, mar bhuidheann coimhearsnachd, airgead a thionail ann an dòigh nach urrainn an sgoil a dhèanamh
- ’S urrainn do phàrantan le cloinn ann am FTMG an siostam foghlaim a bhrosnachadh anns an sgìre aca fhèin
- Tha na buidhnean ag amas ri taic a thoirt do thachartasan tron Ghàidhlig taobh-muigh na sgoile, leithid obair nan Sradagan
Comann nam Pàrant aig ìre Nàiseanta
Chaidh Comann nam Pàrant (Nàiseanta) (CnP(N)) a stèidheachadh le Comunn na Gàidhlig ann an 1994, an dèidh iarrtais bho phàrantan airson a leithid. Tha a h-uile sgìre aig a bheil buidhnean ionadail CnP air an riochdachadh air a’ Chomataidh Nàiseanta, a’ ciallachadh gu bheil guth nam pàrant ri chluinntinn air ìre nàiseanta. Tha CnP(N) airson beachdan phàrantan a chur an cèill dhan Riaghaltas agus airson obrachadh còmhla ri buidhnean leasachaidh na Gàidhlig agus ùghdarrasan ionadail ann a bhith a’ coileanadh an amais "foghlam tro mheadhan na Gàidhlig adhartachadh". Tha Oifigear Phàrant Nàiseanta, maoinichte leis an Riaghaltas, air a fasdadh le Comunn na Gàidhlig airson taic a thoirt do phàrantan agus airson FTMG a bhrosnachadh. Bidh Comunn na Gàidhlig a’ cuideachadh CnP(N) ann a bhith a’ ruith a’ Chomataidh le bhith a’ toirt taic-airgid dhaibh.
Tha CnP(N) a-nis stèidhte ann an saoghal leasachaidh na Gàidhlig, agus cluinnear tric an guth aig ìre Riaghaltais. Tha a’ Chomataidh a’ coinneachadh, mar is trice, ceithir tursan sa bhliadhna. Tha Coinneamh Bhliadhnail ga cumail anns a’ Mhàrt agus tha cuireadh ga thoirt do phàrant sam bith a frithealadh. Thèid fàilte a chur air riochdairean ùra.
Buill Comataidh Comann nam Pàrant (Nàiseanta)
Dawn Morgan [cathraiche]- Inbhir Nis, Inbhir Narann, Bhàideanach agus Srath Spè (+ 1 beàrn)
Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis, Inbhir Narann, Baile Ùr an t-Slèibh
Màiri Galbraith & Marsaili Dow - Cluaidh & Iar Dheas Alba (+ 1 beàrn)
Comar nan Allt, Grianaig, Drochaid an Easbaig, Cille Bhrìghde an Ear, Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, Cille Mhearnaig
Fìona NicLeòid - Cataibh & Ros an Ear (+1 beàrn)
Baile Dhubhthaich, Inbhir Pheofharain, Drochaid a’ Bhanna, An Teanga
Kerry Butler, Donna Chaimbeul, Bob McGowan, Sharon Methven - Taobh an Ear Alba
Peairt, Baile Fharfair, Sruighlea, Dùn Èideann, Obar Dheathain
Cailean Meek, Fiona Byrne, Lorna NicDhiarmaid, Mairead Ford - Siorrachd Rois, An t-Eilean Sgitheanach agus Loch Abair
Geàrrloch, Ulapul, An Gearasdan, Àth Tharracail, Malaig, Dùn Bheagain, Cille Mhoire, Port Rìgh, Stafainn, An t-Àth Leathann, Loch Carrann, Am Ploc, Slèite
Na h-Eileanan Siar; Uibhist & Barraigh (2 bheàrn)
Baile a' Mhanaich, Càirinis, Dalabrog, Èirisgeigh, Iochdar, Paible, Staoinibrig, Bàgh a' Chaisteil
Earra-Ghàidheal is Bhòid (2 bheàrn)
Ìle, Tiriodh, An t-Òban, Muile, Dùn Omhain, An Apainn
Na h-Eileanan Siar; Leòdhas agus Na Hearadh (2 bheàrn)
An Àird, Àirigh an Tuim, Am Bac, Baile Ailein, Barbhas, Beàrnaraigh, Briascleit, Càrlabhagh, Lacasdal, An t-Òb, Lìonail, Siabost, Steòrnabhagh, Tairbert, Ùig
Ciamar a thèid mi an lùib Comann nam Pàrant?
Tha buidheann Comann nam Pàrant anns a’ mhòr-chuid de sgìrean far am faighear foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Tha na buidhnean fosgailte do phàrant sam bith aig am bheil clann ann an FTMG aig ìre sam bith, agus faodaidh pàrantan coinneamhan choitcheann a fhrithealadh. Ma tha thu ag iarraidh grèim fhaighinn air riochdaire CnP anns an sgìre agad fhèin, cuir fios air an Oifigear Phàrant a bheir dhut ainm agus fiosrachadh.
Ma tha sibh airson buidheann CnP a stèidheachadh anns an sgìre agaibh, tha e furasta gu leòr sin a dhèanamh. Coinnichidh an t-Oifigear Phàrant ri pàrantan san sgìre airson a dhol tro Bhonn-stèidh CnP, mìneachadh a thoirt mun obair aig CnP gu h-ionadail, agus ceistean sam bith a dh’fhaodadh èirigh a fhreagairt. Tha e an uairsin an urra ribh fhèin am bheil sibh airson buidheann a stèidheachadh. Ma tha sibh airson seo a dhèanamh san sgìre agaibh, cuiribh fios air an Oifigear Phàrant.