top of page

Chan eil Gàidhlig san Dachaigh

Chan eil e gu diofar dè cho comasach ’s a tha sibh air Gàidhlig a bhruidhinn, ’s e an rud as motha as urrainn dhuibh a dhèanamh spèis is taic a shealltainn dhaibh nuair a tha iad a’ cleachdadh a’ chànain. A thuilleadh air a bhith leantainn na comhairle bho na earrainnean ron seo, mu bhith cruthachadh saoghal Gàidhlig nur dachaigh, ’s dòcha gum bi sibh cuideachd ag iarraidh ur clann a mhisneachadh le bhith ag ionnsachadh nas urrainn dhuibh de Ghàidhlig agus a’ Ghàidhlig sin a chumail riutha. Fiù ’s ged nach eil sibh cho fileanta ri ur cuid chloinne, nì e feum dhaibh ma tha sibh ag èisteachd riutha nuair a tha iad a’ leughadh agus ma tha ùidh agaibh san obair-sgoile aca.

​

’S e luchd-ionnsachaidh a th’ annam fhìn agus mo chompanach. Bu toigh leinn gur i Gàidhlig cànan na dachaigh, ach tha e na adhbhar dragh dhuinn nach biodh sin nàdarra seach nach i Gàidhlig a’ chiad chànan againn agus nach eil daoine le Gàidhlig a’ fuireach faisg oirnn.

​

Tha fianais a’ sealltainn gun tèid aig pàrantan a dh’ionnsaich cànan eile teaghlach a thogail tro mheadhan a’ chànain sin. Ma bhruidhneas pàrantan Gàidhlig ris a’ chloinn bho thoiseach chùisean, cha bhi iad a’ faireachdainn, às dèidh greis, gu bheil dad às an àbhaist mu dheidhinn. Bidh cuid a phàrantan a dh’ionnsaich Gàidhlig a’ faireachdainn gu bheil e doirbh gràdh a nochdadh don leanabh ùr sa chànan; tha e na chuideachadh mas urrainn dhaibh eòlas a chur air pàrantan eile aig a bheil clann le Gàidhlig. Tha liostaichean de dh’fhaclan is abairtean feumail cuideachd rim faotainn.

bottom of page