top of page

Gàidhlig aig aon phàrant

’S ann cudromach a tha e gu bheil an dithis phàrant taiceil don phàiste a bhith cleachdadh Gàidhlig, agus ’s e as fheàrr buileach ma bhruidhneas am pàrant le Gàidhlig Gàidhlig a-mhàin ris a’ phàiste, agus ma chuireas iad seachad na ghabhas de thìde còmhla riutha. Faodaidh am pàrant gun Ghàidhlig an taic a nochdadh le bhith a’ cur spèis ann an cleachdadh na Gàidhlig san dachaigh, le bhith coimhead air prògraman Gàidhlig air an telebhisean agus le bhith ag èisteachd ri Gàidhlig air an rèidio. Ma ghabhas e a dhèanamh, faodaidh am pàrant gun Ghàidhlig tòiseachadh air Gàidhlig ionnsachadh agus mean air mhean faodaidh iad barrachd is barrachd Gàidhlig a chleachdadh còmhla ri am pàiste agus an companach. Aon dòigh mhath, ’s e greisean Gàidhlig a chur air dòigh nuair a bhios a’ chlann còmhla ris an dithis phàrant. Dh’fhaodadh sibh an t-àm Gàidhlig seo a leudachadh mean air mhean.

​

Tha Gàidhlig agam agus nuair a bhios clann againn bu toigh leam Gàidhlig a bhruidhinn riutha. Ge-tà, ’s e glè bheag de Ghàidhlig a th’ aig mo chompanach agus tha e a’ smaoineachadh gum bi e air a dhùnadh a-mach ma tha mise a’ bruidhinn cànan ris a’ chloinn nach eil esan a’ tuigsinn.

​

Tha e deatamach gum bruidhinn sibh fhèin agus ur companach gu fosgailte agus gu fosgarra mu dheidhinn seo, agus faodaidh sibh fiù ’s na buannachdan is mì-chothroman a sgrìobhadh a-mach a thigeadh an lùib a bhith togail ur cuid chloinne le barrachd is aon chànan. Feuch ri smaoineachadh air dè tha a chum maith na cloinne, agus ’s dòcha gun cuir ur companach a chuid dhraghan gu aon taobh air sgàth buannachd an dà chànain don chloinn. Thoiribh stuthan foillsichte do ur companach a bheir fiosrachadh dha air na buannachdan a tha an lùib dà-chànanachas. ’S dòcha gum bi ur companach ag iarraidh beagan Gàidhlig ionnsachadh, a bhiodh a’ ciallachadh gun tuigeadh e feadhainn, fiù ’s, de na còmhraidhean a bhios agaibh le ur clann. 

​

Feumaidh mi mo chuid chloinne fhàgail le neach-cùraim cloinne aig nach eil Gàidhlig nuair a thilleas mi a dh’obair. Am bi e doirbh don chloinn diofar a dhèanamh eadar Gàidhlig is Beurla?

​

Bidh tòrr phàrantan, a tha ag obair, san t-suidheachadh far am feum iad an cuid chloinne fhàgail fo chùram chuideigin aig nach eil Gàidhlig. Ma tha sibh cunbhalach ann a bhith bruidhinn Gàidhlig ri ur clann, cha bu chòir gum bi duilgheadas sam bith aca diofar a dhèanamh eadar Gàidhlig is Beurla. Ge-tà, ma tha clann fo chùram chuideigin le Beurla ochd uairean a thìde san latha, tha teansa mhath ann gum bi a’ Bheurla aca nas fheàrr na a’ Ghàidhlig aca agus ’s dòcha gum bi iad ag iarraidh Beurla a bhruidhinn ri am pàrantan. Tha e deatamach gun cùm sibh oirbh a’ bruidhinn Gàidhlig riutha agus gum piobraich sibh iad a bhith gur freagairt ann an Gàidhlig, ach dèanaibh cinnteach gur e gnothach toil-inntinneach a bhios ann dhaibh.

bottom of page