top of page

Acerca de

Seachdain Dhùn Èideann

Gach bliadhna, cuiridh Comann nam Pàrant air dòigh Seachdain Dhùn Èideann dha na sgoiltean. Bidh cothrom aig na sgoiltean tighinn a Dhùn Èideann agus a bhith a’ frithealadh sheiseanan aig diofar àiteachan a leithid Our Dynamic Earth, Taigh Tasgaidh na h-Alba agus Càisteal Dhùn Èideann, le na seiseanan uile air an lìbhreaghadh tro mheadhan na Gàidhlig. ’S e amas na seachdain gum faigh sgoilearan cothroman a bhith a’ cleachdadh an cuid Gàidhilg ann an àrainneachd eadar-dhealaichte le daoine ùra. Cuideachd, ’s e deagh chothrom a th’ ann airson nan sgoilearan a bhith a’ coinneachadh le sgoilearan Gàidhlig eile. Gu h-àbhaisteach, bidh an t-seachdain a’ ruith aig deireadh a’ Ghiblein, le seiseanan gach madainn is feasgar eadar Diluain is Dihaoine. ’S ann do sgoilearan ann an clas 4-7 a tha na seiseanan.

​

Thig sgoiltean ann am meadhan na h-Alba, mar as trice airson an latha agus iad a’ frithealadh aon no dà sheisean. Airson sgoiltean air a’ Ghàidhealtachd, anns na h-Eileanan Siar agus ann an Earra-Ghàidheal, ’s e turas nas motha a th’ ann dhaibh agus bidh iad a’ fuireach ann an Dùn Èideann airson oidhche no dhà. Cuiridh sinn air dòigh cèilidh aon fheasgar cuideachd airson nan sgoiltean a tha a’ fuireach ann an Dùn Èideann. Bidh Comann nam Pàrant a’ gabhail uallaich airson cosgais nan seiseanan, ach feumaidh na sgoiltean a’ cur air dòigh siubhail is àite-fuirich, ged a bhios sinn a’ cuideachadh le na cosgaisean airson seo.

​

Ann an 2024, bidh Seachdain Dhùn Èideann a’ ruith eadar 22-26 Giblean 2024. Thèid fiosrachadh a-mach do gach sgoil as t-Fhoghar. Ma tha sibh airson còmhradh a ghabhail mu dheidhinn Seachdain Dhùn Èideann, bhithinn gu math toilichte bruidhinn ribh mu dheidhinn – innes@cnag.org

bottom of page