top of page

Primary School / Bun-Sgoil 

Tha Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (FtG) anns a’ bhun-sgoil a’ leantainn an aon churraicealaim ri Foghlam tro Mheadhan na Beurla. Chan fheum sgoilearan a bhith à dachaighean far a bheil Gàidhlig ga bruidhinn. Is dòcha gun tòisich iad air ionnsachadh tro mheadhan na Gàidhlig, ann an suidheachaidhean tràth-ionnsachaidh agus cùram-chloinne no, do chuid de chloinn, ann am BS1. Tha an ìre thràth de dh’ionnsachadh tron Ghàidhlig, agus far nach eil cànan sam bith eile air a chleachdadh, ’s e ‘làn bhogadh’ a chanar ri seo. Tha seo a’ ciallachadh nach eil cànan sam bith ach Gàidhlig ga chleachdadh ann am BS1-3 le clann ag ionnsachadh a bhith a’ bruidhinn, a’ leughadh agus a’ sgrìobhadh sa Ghàidhlig. Ann am BS4, ionnsaichidh a’ chlann leughadh agus sgrìobhadh sa Bheurla, ach tha seo air a theagasg tron Ghàidhlig a’ ciallachadh gur e a’ Ghàidhlig cànan a’ chlas fhathast. Tha na cuspairean eile uile air an teagasg tron Ghàidhlig a’ cleachdadh ghoireasan Gàidhlig.

​

Tha grunn sgoiltean làn-Ghàidhlig ann an sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd, Comhairle Baile Ghlaschu agus Comhairle Dhùn Èideann. Far nach eil sgoil Ghàidhlig fa-leth ann, tha FtG ga lìbhrigeadh san aon sgoil ri foghlam tro Mheadhan na Beurla. Tha FtG ri fhaighinn ann an 15 de na h-ùghdarrasan ionadail ann an Alba. Airson liosta den a h-uile sgoil a tha a’ toirt seachad FtG, briog an seo:

A short video with information about Gaelic Medium Education in Primary School from parents and those involved in Gaelic Medium Education.

Ceistean Iomachaidh mu Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig

A bheil foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a’ cur bacadh air ìre leasachaidh chloinne?

​

Chan eil. Tha rannsachadh a’ sealltainn gu bheil clann ann am foghlam dà-chànanach a’ dèanamh a cheart cho math ri clann eile anns gach cuspair, a’ gabhail a-steach Beurla.

​

Ciamar is urrainn dhomh taic a thoirt do dh’fhoghlam mo phàiste nuair nach eil Gàidhlig agam fhèin?

​

Thoir taic dha do phàiste le ùidh a thogail san fhoghlam aca agus ann an nas urrainn dhut de ghnothaichean Gàidhlig – telebhisean, rèidio, gnìomhachd as dèidh na sgoile agus tachartasan sòisealta.  Tha mòran chothroman ann airson pàrantan beagan den Ghàidhlig ionnsachadh, tric ann an clasaichean gu sònraichte airson pàrantan.

 

Is toigh leam a bhith a’ leughadh ri mo phàiste aig an taigh.  Ciamar is urrainn do phàrantan seo a dhèanamh mur eil iad fileanta sa Ghàidhlig?

​

Is urrainn dhut iasad de leabhraichean Gàidhlig air teip iarraidh bhon sgoil a b’ urrainn dhut a chleachdadh còmhla ri do phàiste agus tha feadhainn de leabhraichean ann far is urrainn dhut èisteachd air an eadar-lìon, mar eisimpleir air làrach-lìn phàrantan www.gaelic4parents.com. Chan eil adhbhar sam bith carson nach leugh thu dhaibh sa Bheurla cuideachd.

​

Dè am buaidh a bhios aig foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air Beurla mo phàiste?

​

Nuair a tha iad a’ tòiseachadh san sgoil tha clann ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air an teagasg dìreach sa Ghàidhlig agus tha leughadh agus sgrìobhadh Beurla air an toirt a-steach san fharsaingeachd bho P3.  Gheibh clann air na sgilean a tha aca ann an aon chànan a chleachdadh sa chànan eile agus le sin thig iad air adhart gu luath  nuair a thòisicheas iad air Beurla a leughadh. Dhearbh rannsachadh a rinn Oilthigh Sruighlea ann an 1999 ‘gun d’ rinn sgoilearan air P7 ann an foghlam tro mheadhan na Gàidhlig nas fheàrr ann am Beurla na sgoilearan ann an foghlam Beurla.’

​

Tha mo phàiste fileanta sa Ghàidhlig.  Carson bu chòir dhomh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a thaghadh?

 

Tha FTMG a’ daingneachadh cànan nam fileantach agus gam brosnachadh gus leantainn orra Gàidhlig a’ cleachdadh anns a h-uile suidheachadh.  Tha e cuideachd a’ toirt cothrom dhaibh a bhith dha rìreabh litearra sa chànan. 

​

An urrainn do chlann a tha feumach air tuilleadh taic no le feumalachdan sònraichte foghlam tro mheadhan na Gàidhlig fhaighinn?

​

Is urrainn agus tha iad.  Tha poileasaidhean in-ghabhail fior mhath aig mòran ùghdarrasan ionadail a tha a’ bualadh san aon dòigh air foghlam Gàidhlig agus Beurla.  Bu chòir dhut comhairle fhaighinn bho roinn an fhoghlaim mu feumalachdan ionnsachaidh do phàiste agus dè is urrainn foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a tairgse dhut.

 

Ma bhios aig mo phàiste ri siubhal a dhèanamh gun goireas foghlam tro mheadhan na Gàidhlig as fhaisge, am bi còmhdhail ann?

​

Tha ùghdarrasan foghlam tric a’ toirt foghlam tro mheadhan na Gàidhlig seachad aig ìre sgìreil agus le sin tha goireasan còmhdhail aca airson clann a bhitheas a’ siubhal seachad air an sgoil ionadail.  Cuiribh fios don ùghdarras ionadail agad fhèin airson tuilleadh fiosrachaidh air goireasan còmhdhail.

bottom of page