top of page

Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig

Slighe-Ionnsachaidh airson ur cuid chloinne bho 3-18

Is e Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (FtG) aon de na prìomh dhòighean gus fileantas fhaighinn - agus a chumail - anns a’ Ghàidhlig. Tha Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig fosgailte do na h-uile - dhaibhsan aig a bheil Gàidhlig mar-thà agus dhaibhsan a tha ùr dhan chànan.

​

Tha mòran roghainnean ann airson clann a tha a’ tòiseachadh air an t-slighe ionnsachaidh aca sna bliadhnaichean tràtha aca. ’S e ‘làn bhogadh’ a chanar ris an ìre thràth de dh’ionnsachadh tron Ghàidhlig, agus far nach eil cànan sam bith eile air a chleachdadh. Tha seo a’ ciallachadh nach eil cànan sam bith ach Gàidhlig ga chleachdadh ann am BS1-3 le clann ag ionnsachadh a bhith a’ bruidhinn, a’ leughadh agus a’ sgrìobhadh sa Ghàidhlig. Ann am BS4, ionnsaichidh a’ chlann leughadh agus sgrìobhadh sa Bheurla, ach tha seo air a theagasg tron Ghàidhlig a’ ciallachadh gur e a’ Ghàidhlig cànan a’ chlas fhathast. Bu chòir leantainn air adhart le FtG aig ìre na h-Àrd-sgoile gus dèanamh cinnteach gun cùm a’ chlann an cuid fileantachd sa Ghàidhlig agus gum fàs iad suas mar inbheach aig a bheil Gàidhlig.

​

Tha 15 de na h-ùghdarrasan ionadail ann an Alba a’ toirt seachad Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. Briog an seo ma tha thu airson faighinn a-mach far a bheil FtG ri fhaighinn faisg ort

Bhidio goirid le fiosrachadh mu Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig aig ìre Bun-Sgoile bho phàrantan agus bhuapasan a tha an sàs ann am FMG. Airson barrachd bhidiothan fhaicinn, cliog an seo. 

bottom of page