top of page

Gàidhlig taobh a-muigh na sgoile

20210621_101858.jpg

Tha e glè chudromach gum bi cothrom aig clann ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig an cuid Gàidhlig a chleachdadh taobh a-muigh a’ chlas. Ma thèid a’ chlann a bhrosnachadh gus an cuid Gàidhlig a chleachdadh aig an taigh agus taobh a-muigh an t-seòmar-theagaisg, chì iad an cànan mar chànan làitheil seach dìreach cànan a’ chlas. Tha grunn chothroman ann do sgoilearan FtG agus is urrainn do bhuidheann Chomann nam Pàrant ionadail barrachd chothroman a chruthachadh do dh’òigridh.  Is urrainn buidhnean Comann nam Pàrant ionadail cuideachadh le bhith a’ togail airgid agus a’ dèanamh thagraidhean airson maoineachadh airson cosgaisean nan gnìomhan seo. Le bhith ag obair le buidhnean Gàidhlig eile agus le daoine le Gàidhlig sa choimhearsnachd, le sgoiltean agus buidhnean CnP, gabhaidh prògram farsaing agus tarraingeach de thachartasan a chur air dòigh dhan òigridh. Tha fiosrachadh mu chuid de na buidhnean Gàidhlig a tha a’ tabhann gnìomhan taobh a-muigh a’ churraicealaim gu h-ìosal le ceanglaichean do na làraichean-lìn aca.  Ma tha thu airson bruidhinn air a seo leis an oifigear leasachaidh nàiseanta, cuir fios thugainn.

Comunn na Gàidhlig
CnaG transparent.png

Tha oifigearan iomairt aig Comunn na Gàidhlig stèidhte air feadh na dùthcha a bhios a’ cruthachadh prògram de thachartasan tro mheadhan na Gàidhlig a tha freagarrach dhan choimhearsnachd far a bheil iad ag obair. Bidh iad a’ cur air dòigh thachartasan òigirdh thar na bliadhna, a’ gabhail a-steach phrògraman teisteanais mar Duais Iain Muir. Cuideachd bidh iad a’ ruith buidheann òigridh Gàidhlig, Sradagan, agus co-fharpaisean ball-coise am measg iomadh rud eile. Ma thèid na sgoilearan an sàs ann an tachartasan mar seo, thathar an dòchas gum bi iad air am brosnachadh agus am misneachadh Gàidhlig a chleachdadh nas trice agus a faicinn mar chànan beò a bhuineas do gach earrann dhem beatha seach cànan a bhruidhnear san t-seòmar-theagaisg a-mhàin.

Bheir sùil air an làrach-lìn airson barrachd fiosrachaidh -

Home | Comunn na Gàidhlig Iomairtean Officers Gaelic Activities (cnag.org)

Spòrs Gàidhlig

’S e solarachadh foghlaim air a' bhlàr a-muigh a th’ ann an Spòrs Gàidhlig a bhios a’ cruthachadh chothroman tro mheadhan na Gàidhlig don òigridh air a bhlàr a-muigh. Tha gu leòr chur-seachdan ri fhaighinn a’ gabhail a-steach sgitheadh, bòrd-seasaimh, claiseachd, rothaireachd-slèibhe, agus MapLand Alba am measg iomadh rud eile.

Faodaidh Spòrs Gàidhlig tighinn thugaibh; aig an sgoil no sa chomhearsnachd no faodaidh sibhse tighinn gu Loidse a’ Ghlinne Mhòir airson tachartas còmhnail a bhios spòrsail agus le cur-seachadan tron Ghàidhlig.

Bheir sùil air an làrach-lìn airson barrachd fiosrachaidh -

Spòrs Gàidhlig – Outdoor activities for young people in Gaelic (spors.scot)

Fèisean nan Gàidheal

Tha Fèisean nan Gàidheal air aon de na buidhnean a tha faotainn maoineachadh gu cunbhalach bho Alba Chruthachail agus tha sinn a’ toirt taic do 47 Fèisean teagaisg a tha a’ toirt ionnsachadh ann an ealain dhualchasach na Gàidhlig do dh’òigridh air feadh Alba. Tha na Fèisean air a bhith toirt oideachadh do dhaoine òga ann an ceòl traidiseanta, òrain Ghàidhlig is dràma Ghàidhlig airson còrr is 35 bliadhnaichean. Bidh mu 6,000 duine òg a’ gabhail pàirt sna clasaichean gach bliadhna.

Bheir sùil air an làrach-lìn airson barrachd fiosrachaidhWelcome to Fèisean nan Gàidheal - Fèisean nan Gàidheal (feisean.org)

bottom of page