top of page

Ionnsaich Gàidhlig le ur cuid chloinne!

​Tha e uamhraidh cudromach gu bheil sgoilearan a’ cleachdadh agus a’ cluinntinn na Gàidhlig san dachaigh a bharrachd air an sgoil. Airson sgoilearan ann am Foghlam Gàidhlig, nì e diofar mòr ma gheibh iad cothrom a‘ Ghàidhlig a chleachdadh agus a chluinntinn aig an taigh. Chan ann a-mhàin airson piseach a thoirt air a’ Ghàidhlig aca ach cuideachd airson sealltainn dhaibh gu bheil spèis agaibh dhan a’ chànan. Ma tha pàrantan aig nach eil Gàidhlig a’ dèanamh oidhrip gus faclan is abairtean a chleachdadh timcheall na dachaigh, chì na sgoilearan Gàidhlig mar chànan beò a tha freagarrach airson gach ceàrnaidh dhem beatha, chan e dìreach cànan na sgoile. Gu fortanach, tha gu leòr goireasan ann gus taic a chumail ri teaghlaichean a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig agus airson theaghlaichean aig a bheil i mar-thà ach feumach air brosnachadh a bhith ga cleachdadh. Tha sinn air liosta a chruthachadh gu h-ìosal air cuid de na goireasan a tha ri làimh agus a bhiodh feumail airson theaghlaichean a tha ag iarraidh barrachd Gàidhlig a cleachdadh timcheall an taighe. Tha sinn daonnan airson ’s gum bi na goireasan againn fhèin freagarrach dha teaghlaichean, is mar sin ma tha beachdan sam bith agaibh air goireasan a bharrachd a bhiodh feumail, nach leig sibh fios thugainn.

neadan (1).png

Neadan.scot

Air ar làrach-lìn eile, neadan.scot, tha focas ann air na trath-bhliadhnaichean agus Gàidhlig san dachaigh agus coimhearsnachd le fiosrachadh ann mu Bookbug Gàidhlig, buidhnean trath-bhliadhnaichean, curseachadan agus clasaichean Gàidhlig an asgaidh dha pàrantan. Tha goireasan ann mar postairean is flashcards air diofar chuspairean.

Home • SpeakGaelic

’S e cùrsa fìor mhath a tha seo, a bheir bho ìre A1 (bunasach) gu ìre C1 (fìleanta) sibh. Cha robh riamh cùrsa Gàidhlig ann a bha cho buileach iomlain ri seo. Gheibh sibh air ionnsachadh ann an diofar dhòighean, biodh sin le bhith ag ionnsachadh air ur ceann fhèin no le bhith a’ falbh gu clasaichean aghaidh-ri-aghaidh agus air-loidhne.

​

am fc.png
learn gaelic.png

Faclairean & stiùireadh le gràmar

 

Airson sgoilearan nas sìne, bhiodh na faclairean a leanas nan taic dhaibh: Faclair na Sgoile (aplacaid air a’ fòn) – Chan e faclair Gàidhlig – Beurla a tha seo, ach bheir e dhuibh mìneachadh air ciall an fhacail sa Ghàidhlig fhèin. Ma tha sibh a’ sireadh fhacal nach aithne dhuibh sa Ghàidhlig, mholamaid na faclairean air-loidhne a leanas a chleachdadh airson ur cuideachadh:

​

LearnGaelic - Dictionary

Am Faclair Beag - Scottish Gaelic Dictionary

 

Tha seo math cuideachd airson an dleastanas a thoirt air na sgoilearan airson an obair aca fhèin a dhèanamh is a dhearbhadh. Cuideachd, mholamaid gum biodh faclair ri fhaighinn san taigh airson a h-uile duine san teaghlach. Mas e stiùireadh soilleir air riaghailtean gràmar is litreachadh na Gàidhlig a tha dhìth oirbh, feuch gun toir sibh sùil air an aplacaid bhig, chuideachail aig Sealgar Ltd, IùlGhràmair.

Gaelic4Parents 

Cluba Obair-Dachaigh – Diluain gu Diardaoin eadar 5.30f gu 7.30f, bidh Gaelic4Parents a’ tabhann seirbheis bheò airson taic a thoirt seachad le obair-dachaigh. Tha tidsearan ann a bhios a’ cumail taic ri sgoilearan le ceistean mun obair dachaigh aca. Tha seo gu sònraichte feumail airson teaghlaichean aig nach eil tòrr Gàidhlig aig an taigh.

Leabhraichean Èisteachd - tha gu leòr faidhleachan-fuaim ann de leabhraichean Gàidhlig air an làraich-lìn. Gheibh sibh faidhleachdan-fuaim mu choinneimh nan leabhraichean a tha anns na pasgain Bookbug. Cuideachd, tha sreth de leabhraichean Storyworlds agus Oxford Reading Tree.

A bharrachd air seo gheibh sibh geamaichean air-loidhne, spòrsail airson sgilean cànain na cloinne a thoirt air adhart.

Ionnsaich le BBC Alba 

Tha bhidiothan is gu leòr ghoireasan ionnsachaidh airson sgoilearan Foghlam Gàidhlig bho BBC Alba. Bhidiothan ghoiridh airson cuspairean mar Matamatigs, Litearrachd, Saidheans agus Cuspairean Sòisealta. Tha gu leòr ghoireasan ri fhaighinn airson ìre na h-àrd-sgoil, Nàiseanta 4, Nàiseanta 5, àrd-ìre agus sàr àrd-ìre agus cuideachd airson Gàidhlig (luchd-ionnsachaidh)

Education Scotland - ParentZone

Tha comhairle is beachdan ri fhaighinn cuideachd bho Fhoghlam Alba mu dheidhinn a bhith a’ cleachdadh barrachd Gàidhlig taobh a-muigh na sgoile. Gheibh thu am fiosrachadh ud an seo.

Acair

Mar fhoillsichear tha fòcas Acair air leabhraichean Gàidhlig do chlann agus raon farsaing de thiotalan ann an Gàidhlig is Beurla. Tha suas ri 100 leabhar air an liosta choitchinn againn a thuilleadh air leabhraichean chloinne de dhiofar sheòrsa, dà-chànanach agus ann an iomadh cànan. Tha Acair cuideachd a’ foillseachadh leabhraichean-èisteachd chloinne ann an Gàidhlig, saor an-asgaidh.

bottom of page