Stiùireadh agus Comhairle
Chaidh Stiùireadh Reachdain airson Foghlam Gàidhlig fhoillseachadh ann an 2017 le Bòrd na Gàidhlig .
Stiùireadh Reachdail airson Foghlam Gàidhlig – Bòrd na Gàidhlig (gaidhlig.scot)
Tha an stiùireadh seo, sa chiad àite, airson ùghdarrasan foghlaim agus tha e a’ togail air na cleachdaidhean agus dòighean-lìbhrigidh a tha ùghdarrasan foghlaim air a stèidheachadh thairis air deich air fhichead bliadhna. Stèidhichte air an eòlas sin, tha an Stiùireadh seo a’ mìneachadh nan diofar eileamaidean a tha an lùib foghlam na Gàidhlig ann an Alba, agus tha e a’ stèidheachadh dhòighean-obrach cunbhalach gus foghlam tron Ghàidhlig (FtG) a lìbhrigeadh, agus tha e cuideachd a’ sealltainn gu soilleir dè bu chòir do dhaoine a bhith a’ sùileachadh bho FtG agus ciamar a bu chòir dha a bhith air a lìbhrigeadh.
Tha an Stiùireadh seo cuideachd airson phàrantan. Tha e a’ toirt dhaibh tuilleadh fiosrachaidh air mar a chuireas iad tagradh a-steach do dh’ùghdarras foghlaim ag iarraidh orra measadh a dhèanamh gus faicinn a bheil FBG a dhìth, agus air mar a tha am pròiseas ag obair. Tha e cuideachd a’ toirt dhaibh fiosrachadh air na bhios romhpa ma chuireas iad tagradh a-steach airson measadh gus faicinn a bheil FBG a dhìth.
Luchdaich a-nuas an Stiùireadh Reachdail airson Foghlam Gàidhlig an seo.
Chaidh Comhairle mu Fhoghlam Gàidhlig fhoillseachadh le Foghlam Alba ann an 2015.
Tha a’ Chomhairle seo a’ toirt seachad fiosrachadh cudromach mun cho-theacsa nàiseanta, agus a’ toirt mion-chunntas air a’ mhodh-cleachdaidh as fheàrr gus taic a thoirt do luchd-obrach is ùghdarrasan ionadail ann a bhith a’ measadh agus a’ planadh airson leasachadh ann am Foghlam Gàidhlig.