
Fàilte do làrach-lìn Chomann nam Pàrant, am buidheann nàiseanta a tha a’ toirt taic agus comhairle mu fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig do phàrantan.
Tha mu 30 buidheann Comann nam Pàrant (CnP) air feadh Alba, a’ riochdachadh phàrantan aig a bheil clann a tha a’ faighinn foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig diofar ìrean, bho chròileagan gu àrd-sgoil. ’S e prìomh amas gach buidheann "a bhith a’ cur air adhart agus a’ toirt taice do stèidheachadh is cumail suas foghlam tro mheadhan na Gàidhlig". ’S ann air sàillibh strì phàrantan a thòisich foghlam tro mheadhan na Gàidhlig (FTMG) ann an 1985.
Airson barrachd fiosrachaidh mu a bhith a’ cleachdadh Gàidhlig aig an taigh agus na trath-bliadhnaichean, nach bheir sibh sùil air an Làrach-lìn eile againn, Neadan.
Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig
Cuir a' Ghàidhlig aig cridhe do dhachaigh
Ar làrach-lìn eile, làn fiosrachaidh, comhairle agus goireasan do phàrantan gus Gàidhlig a chur aig cridhe an dachaigh. Cuideachd tha ar pod-chraolaidhean ùra ri fhaighinn an seo cuideachd – nach èistibh riutha!